Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020 - Na Sgrìobhadairean
Màiri Anna NicUalraig
Rugadh agus thogadh Màiri Anna mar Ghàidheal ann an ceann a deas baile ioma-chultarach Ghlaschu, agus tha i a-nis air a dachaigh a dhèanamh ann an Loch Abar. Tha i aithnichte mar bhall de theaghlach ainmeil a thaobh ciùil a bhuinneas dhan Eilean Sgitheanach, agus bhuinneadh a h-athair do Thioriodh, eilean a tha ainmeil a thaobh a liuthad bhàrd.
Neach-ciùil a th’ innte, a choisinn iomadach duais, agus b’ ann le òrain a thòisich i na sgrìobhadair, le brosnachadh bho charaidean agus luchd-taic leithid Aonghas Dubh MacNeacail agus Dòmhnall Meek. Dh’èirich dà chlàr a fhuair àrd-mholadh às a saothair fad bhliadhna mar neach-ciùil air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig. Air aon dhuibh, ‘An Dàn’, bha cuid de na h-òrain ùra a sgrìobh i fhèin.
Bha i na cho-dheasaiche air Fonn: Music and a Sense of Place in a Gaelic Family Song Tradition (Acair Ltd, 2013), eachdraidh is fiosrachadh a teaghlach, a choisinn Duais Leabhar na Bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus Duais Ealain is Cultar aig Duaisean Nàiseanta na Gàidhlig. Ann an 2018, sgrìobh Màiri Anna na h-òrain agus na fuinn airson ‘Deeds not Words’, dealbh-chluich a bha a’ dèanamh luaidh air eachdraidh bhòt nam ban anns na h-Eileanan an Iar. Am measg nam pròiseactan anns a bheil i an sàs an-dràsta, tha rannsachadh air Abhainn Chluaidh tro cheòl is fhaclan, bho màthair-uisge na h-aibhne gu ruige a beul, agus air a baile fhèin, Glaschu.
Cliog an seo airson earrann sgrìobhaidh le Màiri Anna fhaicinn.
Andreas Wolff
Rugadh Andreas Wolff air eilean poilitigeach Berlin an Iar agus nuair a thadhail e air eileanan na h-Alba na dheugaire, thuit e ann an gaol leotha agus leis a' chultar Ghàidhlig. Thàinig e a dh'Alba a dh'fhuireach 16 bliadhna air ais agus cheumnaich e bho Shabhal Mòr Ostaig le BA (le Urram) is e a-nis ag obair mar fhear-naidheachd dha BBC ALBA ann an Earra-Ghàidheal, an Alba agus san Roinn Eòrpa.
Tha Andreas airson a bhith ri sgrìobhadh siubhail fada agus sgrìobhadh aithriseach eile is e a' togail air na sgilean aige mar fhear-naidheachd gus sgeulachdan innse.
Cliog an seo airson earrann de sgrìobhadh-siubhail le Andreas a leughadh.
Dealbhan le Rob McDougall.
Chaidh seo ùrachadh air 21 Faoilleach 2020