Sgrìobhadairean
Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri sgrìobhadairean Gàidhlig le bhith a’ roinn taic maoineachaidh tro thabhartasan barantais. Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean ach gheibhte comhairle agus stiùireadh bhuainn a thaobh an ath cheum airson leabhar fhaighinn ann an clò.
Bithear a’ gabhail ri iarrtasan ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt), agus thathar a’ dèiligeadh ri nan tagraidhean taobh a‑staigh raoin-ama ainmichte. Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois.
Comataidh nan Tabhartas
’S e Comataidh nan Tabhartas a bhios a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh nan tagraidhean a gheibh taic agus an ìre de mhaoin a bhios air a shònrachadh. Tha buill na comataidh air an tarraing bho Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson 2021-22, ’s iad buill Chomataidh nan Tabhartas Dòmhnall Camshron, Morna Butcher agus Catrìona NicÌosaig.
Cinn-latha
An ath cheann-latha airson iarrtasan: 11 Ògmhios 2021 (airson coinneamh an Lùnastail)
An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: An Cèitein 2021 (latha ri dhearbhadh)
Tuilleadh fiosrachaidh - Tabhartasan Barantais
Chaidh seo ùrachadh air 23 Màrt 2021