Na Duaisean Litreachais 2021
RIAGHAILTEAN AGUS STIÙIREADH
Ceann-latha airson thagraidhean : 5.00f, Dihaoine 30 Giblean 2021
- Tha Na Duaisean Litreachais fosgailte do leabhraichean Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an dùthaich sam bith eadar 1 Cèitean 2020 agus 30 Giblean 2021 agus a tha ann an aon de na gnèithean a leanas:
- Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
- Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h‑Alba
- Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
- Clann/òigridh
- Tha Na Duaisean Litreachais cuideachd fosgailte do sgrìobhadh tùsail Gàidhlig de dh’fhaid leabhair, gun fhoillseachadh air ceann-latha na farpais, agus a tha ann an aon de na gnèithean a leanas:
- Sgrìobhadh airson clann/òigridh
- Sgrìobhadh airson inbhich
- Feumaidh co-dhiù 50% dhen teacsa gu lèir ann an tagraidhean airson nan Duaisean Litreachais a bhith sgrìobhte ann an Gàidhlig na h-Alba.
- Feumaidh an clàr-iarrtais iomchaidh a bhith an cois gach tagradh. Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais airson leabhraichean foillsichte agus sgrìobhadh neo-fhoillsichte.
- Feumaidh pìosan sgrìobhaidh neo-fhoillsichte a bhith ann an cruth Word le clò 12-puing agus beàrnadh dùbailte. Bu chòir dha na duilleagan uile a bhith air an àireamhachadh, le tiotal a’ phìos sgrìobhaidh orra. Cha bu chòir ainm an ùghdair a bhith air duilleag sam bith dhen tagradh (ach a-mhàin a’ chlàr-iarrtais) a chionn ’s gum bi na tagraidhean sin uile air am breithneachadh gun urra.
- Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir trì (3) lethbhric de gach leabhar foillsichte, le clàr-iarrtais nan cois, a chur gu:
Na Duaisean Litreachais, Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP
- Air thoiseach air a’ cheann-latha, bu chòir tagraidhean airson sgrìobhadh neo-fhoillsichte a chur a‑steach air post-d, le clàr-iarrtais nan cois, gu: NDL@gaelicbooks.org.
- Gheibh tagraichean dearbhadh air post-d gun d’ fhuaireadh an tagradh aca nuair a ruigeas e.
- Is e Dihaoine 30 Giblean 2021 aig 5.00f an ceann-latha deireannach do thagraidhean. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha sin.
- Thèid breithneachadh air na tagraidhean le pannal neo-eisimeileach. Bidh co-dhùnadh a’ phannail deireannach.
- Thèid geàrr-liosta airson nan Duaisean Litreachais ainmeachadh anns an Lùnastal 2021.
- Thèid luchd-buannachaidh nan Duaisean Litreachais ainmeachadh air Diardaoin 16 Sultain 2021.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn nan Duaisean Litreachais, thoiribh sùil air Fiosrachadh a bharrachd. Ma bhios ceistean eile agaibh, cuiribh brath thugainn air NDL@gaelicbooks.org no 0141 337 6211.