Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022 - Tagraidhean

Tha Comhairle nan Leabhraichean, an co-bhuinn ri Urras Leabhraichean na h‑Alba, a’ sireadh dà sgrìobhadair thàlantach, dhìcheallach airson pàirt a ghabhail ann an sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022.

Ceann-latha: 12.00f, Diciadain 14 Iuchar 2021

Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais

Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu leir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannail de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt.

Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2022 – Am Faoilleach 2023. Gheibh an luchd-buannachaidh:

  • Duais luach £2,000 an urra, pàighte ann an dà chuibhreann, mar thaic airson an cuid sgrìobhaidh mar is iomchaidh dhaibh
  • Seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am bi ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh (a rèir riaghailtean Covid-19 aig an àm)
  • Taic leasachaidh cruthachail fa leth, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte no eòlaiche eile
  • Trèanadh ann am margaidheachd, na meadhanan sòisealta agus sgilean taisbeanaidh
  • Cothrom an cuid obrach a leughadh aig taisbeanadh do luchd-foillseachaidh
  • Ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh air cùmhnantan agus còraichean.
  • Àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig le teisteanas bho Oilthigh Caledonian Ghlaschu.
  • Cothrom coinneachadh ri sgrìobhadairean eile aig an aon ìre.

Aig toiseach gnothaich, bidh trì mìosan aig na Sgrìobhadairean Ùra airson an cuid sgrìobhaidh ullachadh mus coinnich iad ri riochdairean bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus bho Chomhairle nan Leabhraichean airson beachdachadh air an taic leasachaidh proifeiseanta a fhreagras orrasan gu pearsanta agus air a’ phròiseact aca.

Slatan-tomhais airidheachd

Faodaidh tu tagradh a chur a‑steach, ma tha thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais a leanas:

  • 18 bliadhna no nas sine
  • Stèidhichte ann an Alba fad rè na duaise
  • Miann làidir agad adhartas a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh do chuid sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig
  • Gun nobhail, leabhar de rosg neo-fhicsean (m.e. (fèin‑)eachdraidh-beatha no sgrìobhadh siubhail) no cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd, no nobhail ghrafaigeach leat air fhoillseachadh (thèid beachdachadh air teacsa às aonais dhealbhan). Ach, ma ’s ann a-mhàin tro fèin-fhoillseachadh, no foillseachadh didseatach, no ann an leabhran a nochd do chuid sgrìobhaidh, faodaidh tu tagradh a chur a-steach. Ma ’s ann a-mhàin ann an duanaire no iris no ann an leabhar sgoilearachd (m.e. pàipearan rannsachaidh, iris acadaimigeach, leabhar teagaisg) a nochd d’ obair, faodaidh tu fhathast tagradh a chur a‑steach

Chan eil e ceadaichte dhut tagradh a chur a-steach ma tha gin dhe na puingean gu h‑ìseal a’ freagairt ort:

  • Tha thu mar-thà air Bursaraidh Sgrìobhaidh Chomhairle nan Ealain no aon de Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra (Gàidhlig no Beurla no Albais), Duais Callan Gordon no Duais an Ath Chaibideil a chosnadh.
  • Tha thu mar-thà air duais eile a chosnadh tro Urras Leabhraichean na h-Alba no Alba Chruthachail, no air taic-airgid eile fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean airson do leasachadh mar sgrìobhadair.
  • Tha thu an dùil a bhith an sàs ann an cùrsa foghlaim làn-ùine no pàirt-ùine rè ùine an sgeama (Faoilleach 2022 – Faoilleach 2023). Tha cùrsaichean goirid no clasaichean oidhche ceadaichte.
  • ’S e sgrìobhadair a th’ annad a tha clàraichte air stòr-dàta Urras Leabhraichean na h-Alba airson Live Literature. Faodaidh luchd-ealain agus sgeulaichean clàraichte air an stòr-dàta tagradh a chur a‑steach airson taic le sgrìobhadh ma tha iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais.
  • Tha aonta foillseachaidh agad mar-thà bho foillsichear. Ma bhios àite air sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air a thabhann dhut, thèid iarraidh ort daingneachadh nach eil aonta foillseachaidh sam bith agad.
  • Tha miann agad obrachadh gu sònraichte air deilbh-chluich no dràma airson telebhisean/rèidio – tha Comhairle nan Leabhraichean ag obair cuide ri Playwrights’ Studio Scotland airson taic a chur ri Sgrìobhadair Dràma Gàidhlig Ùr gach bliadhna.
  • Tha thu nad bhall de luchd-obrach Urras Leabhraichean na h-Alba no Chomhairle nan Leabhraichean.

Le bhith a’ cur a-steach tagradh, tha thu a’ daingneachadh gu bheil thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd. Thèid neach sam bith nach eil a’ coileanadh nan slatan-tomhais a meas neo-airidh is dh’fhaodar iarraidh orra an duais a thilleadh no tagradh a tharraing às.

Ceistean sam bith? Cuir post-d gu alison@gaelicbooks.org

 

A’ cur a-steach tagradh

  • Leugh slatan-tomhais na h-airidheachd gu h-àrd gu cùramach.
  • Lìon Clàr-iarrtais Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022, a’ gabhail fa‑near an stiùireadh na chois.
  • Cuir a-steach eisimpleir de sgrìobhadh ficsean/neo-fhicsean no bàrdachd – na cuir measgachadh dhen dà sheòrsa. Bu chòir eisimpleir a chur a-steach dhen t‑seòrsa sgrìobhaidh dham biodh tu ag iarraidh taic nam faigheadh tu duais.
  • ’S e sgrìobhadh mac-meanmnach no tionnsgalach a th’ ann am ficsean, a’ gabhail a‑steach sgeulachdan goirid agus nobhailean.
  • Tha rosg neo-fhicsean sgrìobhte ann an stoidhle coltach ri ficsean ach air a chleachdadh airson sgeulachdan fìrinneach innse , m.e. cuimhneachan, cunntas siubhail agus sgeul‑beatha. Chan eil seo idir a’ gabhail a-steach leabhraichean teagaisg, leabhraichean-iùil no cunntasan eachdraidheil neo-fhicsean àbhaisteach.

Airson ficsean/neo-fhicsean, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:

  • Eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo a bhith air a tharraing bho sgeulachdan goirid no pìos sgrìobhaidh (nobhail no rosg) nas fhaide. (Suas ri 3,500 facal.)
  • Ma tha an t-eisimpleir air a thoirt bho pìos sgrìobhaidh nas fhaide, cuir geàrr-iomradh na chois. (Suas ri 500 facal.)
  • Cleachd clò Arial, meud 12, le beàrnan dùbailte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri d’ ainm-pinn (chan e d’ ainm fìor).
  • Cha bhithear a’ cleachdadh d’ ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd‑tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo aig àm-measaidh a‑mhàin.

Airson bàrdachd, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:

  • Eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo ruith gu suas ri 10 pìosan bàrdachd, gun a bhith nas fhaide na 10 duilleagan uile-gu-lèir.
  • Cleachd clò Arial, meud 12, le beàrnan singilte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri d’ ainm-pinn (chan e d’ ainm fìor).
  • Cha bhithear a’ cleachdadh d’ ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd‑tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo aig àm-measaidh a‑mhàin.

Measadh

Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h‑ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co‑dhùnadh a’ phannail ro dheireadh na Dùbhlachd 2021 aig a’ char as anmoiche.

Tagraidhean

Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: alison@gaelicbooks.org le ‘Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra’ agus ur n-ainm mar chuspair a’ phuist-d. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 12.00f air Diciadain 14 Iuchar 2021.

Ma bhios ceist sam bith agad a thaobh an sgeama seo, cuir fios gu:

Alison Lang, Comhairle nan Leabhraichean air alison@gaelicbooks.org

 

Luchd-gleidhidh nan Duaisean

2010: Niall O’Gallagher (bàrdachd) & Ishi NicIlleathain (ficsean)

2011: Sandy NicDhòmhnaill Jones (bàrdachd) & Maureen NicLeòid (sgrìobhadh siubhail)

2012: Cairistìona Stone (rosg & ficsean cloinne) & Seonaidh Charity (ficsean)

2013: Iain D. Urchardan (ficsean) & Seònaid NicDhòmhnaill (ficsean)

2014: Calum L. MacLeòid (ficsean) & Steaphan MacRisnidh (ficsean)

2015: Greg MacThòmais (ficsean) & Mòrag Anna NicNèill (ficsean cloinne)

2016: Eòghan Stiùbhart (bàrdachd) & Sìne NicLeòid (ficsean)

2017: Mòrag Law (ficsean) & Marion F. NicIlleMhoire (bàrdachd)

2018: Alistair Paul (ficsean) & Calum MacFhionghain (ficsean)

2019: June Ghreumach (ficsean cloinne) & Liam Alastair Crouse (bàrdachd)

2020: Màiri Anna NicUalraig (rosg neo-fhicsean) & Andreas Wolff (rosg neo-fhicsean)

2021: Beth Frieden (bàrdachd) & Roddy Neithercut (rosg neo-fhicsean)

 

Chaidh seo ùrachadh air 12 Cèitean 2021