Cothroman sgrìobhaidh

Seo liosta de dh'fharpaisean-sgrìobhaidh agus chothroman eile a tha a' cur fàilte air tagraidhean Gàidhlig. Gheibhear tuilleadh fiosraichaidh mu dheidhinn gach cothrom air na làraich-lìn gu h-ìseal. Faicibh cuideachd farpais mhìosail Ficsean 50 Facal an seo.
Ma tha sibh eòlach air farpaisean eile nach eil air an liosta seo, cuiribh fios thugainn agus cuiridh sinn iad ris.

Ficsean 50 Facal

Ceann-latha: Dimàirt 27 Iuchar 2021
Làrach-Lìn: Farpais Ficsean 50 Facal

’S e dùbhlan na mìos seo sgeulachd a sgrìobhadh, ann an 50 facal no nas giorra, mu dheidhinn samhradh de bhall-coise. Gheibh ùghdar na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr duais bho Chomhairle nan Leabhraichean agus thèid an sgeulachd aca fhoillseachadh air an làrach-lìn seo.