Farpaisean-sgrìobhaidh: Bàrdachd & Sgeulachdan-cloinne

Farpaisean-sgrìobhaidh: Bàrdachd & Sgeulachdan-cloinne














Tha Comhairle nan Leabhraichean, ann an co-bhoinn le Oilthigh Ghlaschu, a’ sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson dà fharpais sgrìobhaidh ùr. Bithear a’ ruith nam farpaisean seo ann an 2018 a-mhàin, mar chomharra air 50 bliadhna on a chaidh a’ bhuidheann a stèidheachadh ann an Roinn na Ceiltis san Oilthigh ann an 1968.


’S e farpais bàrdachd a th’ ann an Duais Ruaraidh MhicThòmais, agus thathar a’ sireadh pìosan bàrdachd no òrain air a’ chuspair ‘Crìochan Ùra’. Tha iomadach “crìoch” air an gabh beachdachadh agus thathar a’ coimhead air adhart ri farsaingeachd de dhàin air a’ chuspair.

B’ ann fo stiùir an Àrd-Ollamh Ruaraidh MhicThòmais a bha a’ chiad choinneamh dhen Chomann Leabhraichean (mar a bh’ air a’ bhuidheann aig an àm), air 20 Dùbhlachd 1968. B’ e MacThòmais cuideachd, còmhla ri Fionnlagh I. MacDhòmhnaill, a stèidhich an ràitheachan Gairm ann an 1951 airson sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh.
Dh’fhoillsich MacThòmais ochd cruinneachaidhean de a bhàrdachd uile gu lèir, agus nam measg, An Dealbh Briste, Creachadh na Clàrsaich, Smeur an Dòchais agus Sùil air Fàire. Bha e an sàs ann an grunn leabhraichean eile mar ùghdar agus neach-deasaiche, a chuir gu mòr ris an tuigse a th’ aig a’ mhòr-shluagh air bàrdachd na Gàidhlig, gu h-àraidh An Introduction to Gaelic Poetry. Dh’ eug Ruaraidh MacThòmais ann an Glaschu ann an 2012.


’S ann mar chuimhneachadh air an sgrìobhadair Chrisella Rois, a chaochail ann an 2017, a tha an dàrna duais, Duais Cuimhneachaidh Chrisella Rois. Thathar a’ sireadh sgeulachdan airson cloinn aois 7-10, air cuspair sam bith.

Bha Chrisella an sàs ann an saoghal litreachas na Gàidhlig thairis air iomadach bliadhna – mar sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, sgeulaiche agus eadar-theangair. B’ i an sgrìobhaiche a chruthaich an dràma Bannan airson BBC Alba. Sgrìobh i leabhraichean-cloinne, nam measg Cuach a’ Charthannais. Bha i na h-eadar-theangair cuideachd aig Acair agus ’s iomadh leabhar taitneach chloinne air an do chuir i dreach Gàidhlig eireachdail, nam measg An Crogall Nach Iarradh gu Uisge agus A Shutha Chòir. Chuir Chrisella seachad beagan tìde cuideachd ag obair mar Oifigear Reic aig Comhairle nan Leabhraichean eadar 1987-88, is i a’ siubhal le bhan nan leabhraichean air feadh Alba.

Riaghailtean
Tha na duaisean ùra seo fosgailte do sgrìobhadairean a tha a’ fuireach ann an dùthaich sam bith agus feumaidh iarrtasan a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba a-mhàin.
Cuiribh iarrtasan gu CNL50@gaelicbooks.org

Duais Ruaraidh MhicThòmais
Cuspair: Crìochan Ùra
Fad: Aon dhàn / òran (no suas gu 5 ma tha gach dàn fo 5 loidhnichean)
Stoidhle: Cruth sam bith
Cruth: Word, 12pt, double-spaced. Cha bu chòir ainm an sgrìobhadair nochdadh ann an àite sam bith
Ceann-latha dùnaidh: 5.00f air Diluain 5 Samhain (Thèid geàrr-liosta ainmeachadh aig deireadh na Samhna agus thèid an duais a thoirt seachad aig tachartas sònraichte ann an Oilthigh Ghlaschu air Diluain 3 Dùbhlachd)

Duais Chrisella Rois
Cuspair: Fosgailte (rosg)
Aois: Ag amas air clann aois 7-10
Stoidhle: Sgeulachd a-mhàin – chan fhaodar dealbhan / nobhail grafaig / comaig a chur a-steach
Fad: 1000-5000 facal
Cruth: Word, 12pt, double-spaced. Cha bu chòir ainm an sgrìobhadair nochdadh ann an àite sam bith
Ceann-latha dùnaidh: 5.00f air Diluain 5 Samhain (Thèid geàrr-liosta ainmeachadh aig deireadh na Samhna agus thèid an duais a thoirt seachad aig tachartas sònraichte ann an Oilthigh Ghlaschu air Diluain 3 Dùbhlachd)

Airson an tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu Shelagh Chaimbeul


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: