Farpais Ficsean 50 Facal

Tha farpais Ficsean 50 Facal an Ògmhios le Urras Leabhraichean na h-Alba a-nis fosgailte. Air a' mhìos seo thathar a’ sireadh sgeulachdan Gàidhlig, ann an suas ri 50 facal, far a bheil ceò a’ nochdadh. Gheibh ùghdar na sgeulachd Ghàidhlig as fheàrr duais* bho Chomhairle nan Leabhraichean agus thèid an sgeulachd aca fhoillseachadh air an duilleig seo.

Ceann-latha: 30 Ògmhios 2020.

Deiseil? Deònach? Sgrìobh! Clàr-iarrtais an seo.

(*Ri linn na bacaidhean co-cheangailte ri COVID-19, bidh dàil ann mus tèid againn air duais na mìos seo a phostadh.)

 

Anns a’ Chèitean, b' i Katie NicRath (aois 10) a bhuannaich farpais Ficsean 50 Facal airson sgeulachd Ghàidhlig. B’ e an dùbhlan a chaidh mu choinneamh thagraichean, sgeulachd a sgrìobhadh, ann an dìreach 50 facal, mu dheidhinn uchd-mhacachd. Meal do naidheachd, Katie, an dòchas gun còrd an duais bho Chomhairle nan Leabhraichean riut!

Agus seo sgeulachd Katie:

Is mise Alice agus bha mi a’ fuireach air na sràidean. Bha e cho fuar ach nuair a thug duine còir mi chun an taigh-dilleachdan bha mi cho blàth ri bainne. Às dèidh ùine bha mi air m' uchd-mhacachd agus bha mi cho toilichte ri rìgh! Tha mi blàth a-nis ...