Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra
Gach bliadhna bidh Comhairle nan Leabhraichean, an com-pàirteachas le Urras Leabhraichean na h-Alba, a’ toirt cothrom do dhithis sgrìobhadair Gàidhlig ùr a bhith a’ gabhail pàirt ann am prògram brosnachaidh airson leasachadh a thoirt air an cuid sgilean.
Tha na Duaisean fosgailte do luchd-sgrìobhaidh Gàidhlig anns gach gnè – ficsean, rosg, bàrdachd is eile. Fon sgeama, gheibh an dithis sgrìobhadair taic-ionmhais luach £2,000 an urra, a bheir dhaibh cothrom ùine a chur seachad a’ sgrìobhadh. Thairis air bliadhna gheibh iad taic sònraichte, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte, trèanadh airson an sgilean a leasachadh no measadh proifeiseanta air an sgrìobhadh. Bidh cothrom aca cuideachd seachdain a chur seachad aig ionad sgrìobhaidh agus an cuid obrach a lìbhrigeadh air an àrd-ùrlar.
**Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra dùinte do thagraidhean ùra an-dràsta. Bidh an sgeama a’ fosgladh a-rithist as t-Fhoghar 2019. **
Luchd-glèidhidh nan Duaisean
2010: Niall O’Gallagher (bàrdachd) & Ishi NicIlleathain (ficsean cloinne)
2011: Sandaidh NicDhòmhnaill Jones (bàrdachd) & Maureen NicLeòid (sgrìobhadh siubhail)
2012: Cairistìona Stone (rosg & ficsean cloinne) & Seonaidh Charity (ficsean)
2013: Iain Urchardan (ficsean) & Seònaid NicDhòmhnaill (ficsean)
2014: Calum L. MacLeòid (ficsean) & Steaphan MacRisnidh (ficsean)
2015: Greg MacThòmais (ficsean) & Mòrag Anna NicNèill (ficsean cloinne)
2016: Eòghan Stiùbhart (bàrdachd) & Jane NicLeòid (ficsean)
2017: Mòrag Law (ficsean) & Marion F. NicIlleMhoire (bàrdachd)
2018: Alistair Paul (ficsean) & Calum MacFhionghain (ficsean)
Le taic bho Urras Leabhraichean na h-Alba
Chaidh seo ùrachadh air 29 Samhain 2018