DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2019

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2019

Tha Comhairle nan Leabhraichean a' sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson farpais Duais Dhòmhnaill Meek 2019. Chuireadh an duais seo air chois le taic-airgid bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig ùra agus stèidhichte.

A rèir Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean,

"Tha sinne aig Comhairle nan Leabhraichean cho toilichte gu bheil ùidh aig sgrìobhadairean Gàidhlig san fharpais chudromaich seo agus gu bheil barrachd dhaoine a tha a’ sgrìobhadh ann an diofar ghnèithean litreachais a’ cur tagradh a-steach a h-uile bliadhna. Thèid na duaisean a bhuileachadh air an fheadhainn as fheàrr aig tachartas snasail ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu, agus tha sinn an dòchas gum faighear measgachadh de thagraidhean aig àrd ìre a-rithist am-bliadhna.”

Chaidh sianar ainmeachadh air gèarr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2018, agus chaidh am prìomh dhuais a buileachadh air Ruairidh MacIlleathain airson an nobhail Còig Duilleagan na Seamraig. Choisinn Marion F. NicIlleMhoire an dàrna duais airson a’ chiad chruinneachadh dhen bhàrdachd aice, Adhbhar Ar Sòlais, agus b’ e Aonghas Phàdraig Caimbeul a choisinn an treas duais airson Constabal Murdo, nobhail-eucoir. Rinn na britheamhan luaidh mòr air na sgrìobhadairean a fhuair air a’ gheàrr-liosta.

Faodar tagradh, ann an Gàidhlig na h-Alba, a chur a-steach sna gnèithean a leanas ron cheann-latha gu h-ìosal:

- Sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig - bàrdachd, sgeulachdan, nobhail no dràma - a bhios aig meudachd leabhair
- Rosg eile sa Ghàidhlig, aig meudachd leabhair
- Sgrìobhadh cruthachail do chloinn no do dh’inbhich òga sa Ghàidhlig, aig meudachd leabhair

Chan fhaodar sgrìobhadh a tha ann an clò mar-thà no a bhios foillsichte ron cheann-latha dùnaidh a chur a-steach airson Duais Dhòmhnaill Meek. Chan fhaodar pìos sgrìobhaidh a chaidh a chur a-steach airson na duais roimhe a chur a-steach a-rithist ann an cruth sam bith.

Bu chòir do thagraichean an stiùireadh agus na riaghailtean air fad a leughadh an seo mus cuir iad tagradh a-steach.

Faodar an sgrìobhadh a chur a-steach gu h-eileagtronaigeach gu alison@gaelicbooks.org  ro 17.00 air Dihaoine 3 Cèitean 2019. Feumar foirm-iarrtais (a gheibhear gu h-ìosal) a chur ris an tagradh.

Thèid an geàrr-liosta fhoillseachadh aig toiseach na Sultaine agus thèid na duaisean a thoirt seachad aig tachartas sònraichte ann an Glaschu air 26 Sultain 2019.

Faodar ceistean a chur gu Alison Lang, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean air 0141 337 6211.

Gur math a thèid leibh!

Stiùiridhean Tagraidh

Foirm-iarrtais

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: