Cuir Taic

Cuir Taic

Tha Comhairle nan Leabhraichean na buidhinn charthannais chlàraichte, àireamh SC025026.

Tha sinn air a bhith a’ toirt taic do sgrìobhadairean is foillsichearan bho 1968. Leughaibh mun chiad 50 bliadhna againn . Tha e mar amas againn litreachas na Gàidhlig a leudachadh agus leughadh sa Ghàidhlig a bhrosnachadh.

Tha sinn an comain nam buidhnean is nan daoine a tha a’ toirt taic dhan obair againn. Le ur taic-se nì sinn tòrr a bharrachd. Is urrainn dhuibh ar cuideachadh le bhith a’ toirt tabhartas:

  • do sgeama sònraichte – Togail Choimhearsnachdan Leughaidh
  • do dh’obair na buidhne san fharsaingeachd – le tabhartas fa leth no tabhartas cunbhalach – a’ cleachdadh a’ phutain PayPal gu h-ìosal

 

 

 

 

Agus is urrainn dhuibh dìleab leantainneach fhàgail airson sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig a leasachadh san àm ri teachd le bhith a’ cuimhneachadh oirnn nur tiomnadh.

Ciamar a dh’fhàgas mi gibht do charthannas san tiomnadh agam? 


Thairis air 50 bliadhna tha Comhairle nan Leabhraichean air taic a chumail ri foillseachadh còrr is mìle leabhar, eadar eachdraidh, beul-aithris, bàrdachd agus ficsean ùr, a’ toirt cothrom do luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus leughadairean eile beairteas ar cultair a thuigsinn tro leughadh agus leabhraichean. Tha sinn an dòchas gum faigh na ginealaichean ri thighinn buannachd às na h-oidhirpean a rinn an iomadh duine a bha ag obair còmhla rinn bho 1968, agus tha sinn an dòchas gun cuidich sibhse cuideachd.

Cha leig sibh a leas a bhith nur bàrd no sgrìobhadair airson dìleab fhàgail do litreachas na Gàidhlig. Chan eil a dhìth ach facal sìmplidh no dhà nur tiomnadh. Dhèanadh eadhon 1% den luach a dh’fhàgas sibh diofar mòr do bhuidheann-charthannais mar Chomhairle nan Leabhraichean. Nuair a bhios sibh a’ bruidhinn ri ur neach-lagha mu bhith a’ dèanamh no ag ùrachadh ur tiomnaidh, cuiribh ceist orra mu dheidhinn seo agus thoiribh dhaibh am fiosrachadh a leanas:

Comhairle nan Leabhraichean
Registered charity no SC025026
32 Mansfield Street, Glasgow G11 5QP


Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mu dheidhinn gibht nur tiomnadh, cuiribh fios don Stiùiriche, Alison Lang, le post-d gu alison@gaelicbooks.org, no fòn gu 0141 337 6211 no sgrìobhaibh thugainn aig an t-seòladh gu h-àrd.

Tapadh leibh airson ur taic.

 

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: