Mu Ar Deidhinn
Is e buidheann carthannais agus companaidh earranta le barantas a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean, a tha air a riaghladh le Meòrachan is Artaigilean a’ Chomainn fon cheann-latha 2 Iuchair 1996 agus air ath-ùrachadh air 23 Gearran 2011.
Chaidh Comhairle nan Leabhraichean a stèidheachadh ann an 1968, agus tha còignear luchd-obrach làn-thìde aig a’ bhuidheann. Tha oifisean na Comhairle suidhichte aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa ann an Glaschu, le bùth-leabhraichean anns a bheil raon farsaing de leabhraichean, chairtean, chlàran-ciùil is DVDan sa Ghàidhlig agus co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. 'S e amasan na buidhne:
- Taic a chur ri leasachadh air sgrìobhadh Gàidhlig.
- Ùidh a bhrosnachadh ann an leabhraichean Gàidhlig agus ann an stuthan co-cheangailte eile.
- Taic a chur ri ùghdaran Gàidhlig le bhith a’ buileachadh thabhartasan is bharantasan orra.
- Taic a chur ri gnìomhachas foillseachaidh na Gàidhlig.
- Raon, càileachd is buaidh litreachas na Gàidhlig a mheudachadh.
(Companies House: SC166766)
Tha Comhairle nan Leabhraichean moiteil a bhith na ball air Caidreabhas Litreachais na h-Alba