Am Bòrd-stiùiridh
Tha Bòrd-stiùiridh a' chompanaidh carthannais Comhairle nan Leabhraichean / The Gaelic Books Council nan Urrasairean airson adhbhar lagh carthannais.
Tha buill a’ Bhùird air am fiathachadh gus cur a-steach airson na dreuchd tro shanasachd nàiseanta agus tha iad air an taghadh leis a' Chathraiche agus an Ceannard air bunait an cuid comais air luchd-obrach a chomhairleachadh, a thaobh mar as fheàrr obair a' charthannais adhartachadh. Tha buill a’ Bhùird air am fastadh airson trì bliadhna sa chiad àite, ach faodaidh iad frithealadh airson dà bhliadhna a bharrachd ma dh'aontaichear ris an sin gu h-aon-ghuthach. Chan eil buill a' faotainn pàigheadh ach a-mhàin cosgaisean siubhail is teachd-an-tìr.
Tha coinneamhan Comhairle / Bùird gan cumail ceithir tursan sa bhliadhna ann an co-rèir ri stiùiridhean Alba Chruthachail agus Bhòrd na Gàidhlig. Bidh fo-chomataidh (Comataidh nan Tabhartas) a' coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna gus dèiligeadh le iarrtasan bho ùghdaran agus foillsichearan a thaobh thabhartasan is bharantasan. Ged nach eil Comataidh Sgrùdaidh is Ìocaidh air a stèidheachadh, bidh na buill a' coileanadh ath-sgrùdadh tuarastail gach bliadhna a rèir Poileasaidh Pàighidh Riaghaltas na h-Alba agus bidh ionmhas na companaidh air ath-sgrùdadh aig coinneamhan a' Bhùird.
An-dràsta, ’s iad buill Bhòrd-stiùiridh Comhairle nan Leabhraichean mar a leanas:
- Catrìona Mhoireach - Cathraiche
- Seumas Caimbeul
- Mairead NicLeòid
- Ceitidh Mhoireach
- An Dr Sìm Innes
- Iain Mac a' Ghobhainn
- Dòmhnall Camshron
- Morna Butcher
- Marion Nic na Ceàrdaich (Ex-officio)