Tha a’ bhùth againn dùinte an-dràsta ann an co-rèir ri riaghailtean Corona-bhìoras Ìre 4. Ach, tha sinn fhathast a’ gabhail ri òrdughan air-loidhne.
Fàilte gu làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean
Fàilte gu làrach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean, am prìomh bhuidheann a tha a’ cur taic ri sgrìobhadairean agus ri foillsichearan Gàidhlig na h-Alba, agus a tha ag àrdachadh ìomhaigh agus ruigsinneachd leabhraichean Gàidhlig ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
Tha fiosrachadh mu obair Chomhairle nan Leabhraichean ri lorg air an làrach-lìn, cuide ri naidheachdan is dealbhan mu na tachartasan anns a bheil sinn an sàs. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh.
Ma tha sibh a’ lorg leabhraichean cloinne, ficsean ùr, ceòl Gàidhlig, no ma tha sibh airson Gàidhlig ionnsachadh, gheibh sibh leabhraichean tlachdmhor bho Chomhairle nan Leabhraichean. Gabhaidh leabhraichean agus ceòl Gàidhlig a cheannach air-loidhne bhon làrach-lìn seo, agus cuimhnichibh gu bheil bùth-leabhraichean spaideil againn aig cridhe baile Ghlaschu. Feuch gun tadhail sibh oirnn - bidh fàilte chridheil romhaibh!
Tha sinn a' moladh
Bhon Phlateau dhan a' Chladach
Clò a' Bhradain, 2019. 62 duilleag Anns a' chiad chruinneachad..
£9.99
MacNis Beag agus Ogopogo / Wee MacNessie and Ogopogo
Ablekids Press, 2019. 24 duilleag. Tha Antaidh Mòrag air nochd..
£6.99