Samhraidhean Dìomhair

Clàr, 2009. 172 duilleag.

Tha Iain fhathast ann an gaol ri Chrissie ach tha ise nis na seinneadair ainmeil ann an Los Angeles, ann an saoghal paparazzi agus premieres.
Bha Stevie agus Màiri-Ellen a' falbh còmhla nuair a bha iad òg agus cha d'fhuair ise riamh seachad air. Aonranach agus mì-thoilichte, tha i deònach fir a leigeil na leabaidh ach chan eil na beatha.
Tha Mona aig an taigh, le triùir chloinne agus glaiste ann am pòsadh a tha a' dol searbh.

Tha an còignear aca seo a' coinneachadh a-rithist aig pòsadh Stevie. Dh'èirich iad suas còmhla ann am baile beag san Eilean Sgitheanach ach tha iad air sgapadh fad is farsaing on uair sin. Tha rùn-dìomhair dorcha gan ceangal ri chèile, ge-tà, a thig gu ceann aig a' phòsadh.
Tha gaol agus gràin, àmhghair agus àbhachdas anns an sgeulachd bheothail seo, sgeulachd a tha sònraichte math agus a chumas d'aire o thoiseach gu deireadh.

`S e leabhar mun latha an-diugh agus airson an latha an-diugh a th'ann an Samhraidhean Dìomhair. Leabhar do dhaoine a tha òg...agus do dhaoine aosta le inntinn òg!

Cha do leugh mi mòran leabhraichean riamh a thug uiread de thlachd agus de mhisneachd dhomh ri Samhraidhean Dìomhair. Bu chòir dhuinn uile a bhith taingeil don bhoireannach òg a sgrìobh e agus a sheall dhuinn gu bheil dòchas ann airson litreachas Gàidhlig a bhios lìonmhor agus lùthmor anns an àm ri teachd. Tha liut ealanta aig Catriona Lexy Chaimbeul air sgrìobhadh agus air sgeulachd a liubhairt. Cha b’e cheannach a rinn i; tha i bho theaghlach a chuir gu mòr ri rosg is bàrdachd Gàidhlig.

Buinidh an sgeulachd seo dhan latha ‘n diugh. Ged is ann air daoine òga a tha i ag amas còrdaidh i ri daoine aig a h-uile aois. Tha an t-ùghdar a’ colmadh nan caractaran ‘s am beatha ‘s an smuaintean ann an cur is dlùth a tha cumail an leughadair fo gheasaibh gus an tig an sgeul gu crìch. Tha i air a lìbhrigeadh gu h-ealanta agus a’ tòcadh le mac-meanmna. Ged a tha i fuaighte ris a’ Ghàidhealtachd tha i cuideachd a’ siabadh thairis air sgaoilteach eadarnàiseanta agus air saoghal carraideach. Tha i ag èaladh tro thìm ‘s tro thìr ‘s tro thachartasan, agus tha thu air bhioran gus am faic thu dè an ath thionndadh a thig air an t-suidheachadh.

Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, 2009

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Samhraidhean Dìomhair

  • £8.99


Related Products

Cleasan a' Bhaile Mhòir

Cleasan a' Bhaile Mhòir

Sandstone Press, 2009. 93 duilleag. Tha Jessie dìreach air gh..

£7.99

Cluicheadairean

Cluicheadairean

Acair, 2013. 218 duilleag Cho fad 's tha fios aig duine, '..

£9.99

Nigheanan Mòra

Nigheanan Mòra

Sandstone Press, 2014.  76 duilleag. Tha iad òg is là..

£7.99

Banais na Bliadhna

Banais na Bliadhna

Sandstone Press, 2016.  74 duilleag. Banais eile, prè..

£7.99

Mil San Tì?

Mil San Tì?

Acair, 2016. 220 duilleag Tha Sìle Armstrong toilichte.&nb..

£11.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Romansachd, An t-Eilean Sgitheanach

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: