Shrapnel

Clàr, 2006. 175 duilleag.


An oidhche bha iad sa ghleann dubh ud,
Hi-liù, hi-liù,
Dùirn gam feuchainn, cat a' sgiamhail,
Hi-rù 's na ho-rò,
Chaidh an sgian a mhac an donais,
Madadh a bha uair na phoileas -
'S gum bu luath a sgaoil an comann,
Faicinn fuil a chlèibh mu ghobhal.

Thuirt e ris fhèin: Chan eil seo gu feum - èiridh mi is thèid mi a choinneamh an t-saoghail. Agus h-abair saoghal.

Cò ris a tha sinn a’ coinneachadh anns an leabhar seo? Anns a' chiad anail, tha sinn ann an còmhlan Eòin Iosèphus Mac-a-Phì agus Fatsboy Donati, aig a bheil ceangal ris an aitreamh anns a bheil sinn, Donati’s. Ann an ùine ghoirid, bidh Mac-a-Phì anns a Bhlack Bull, ann an còmhlan Beatrice agus a' Chailleach Bheag, ach tha sinne fhathast a' coimhead mun cuairt, is a' faicinn an t-Sasannaich, “aig a' chuntair, a shròin anns a' phàipear”. Coimhead suas an cuntair - chithear “an duine a bha a' gleidheadh na h-òige” agus Ella a' Special Vat. A bharrachd orrasan, chan eil sa bhàr ach An Uireasbhaidh Gnùis agus Murphy. Agus, thall san uinneig, William C.B.W. Robertson. Tha tachartas an cuimhne C.B.W. gar toirt an eòlas do O'Reilly, Wee Slash, Betty Colquhoun agus Veronica MacVie. Creutairean gu math borb, a rèir choltais!


"Chan e mhàin gu bheil e siùbhlach ach sultach na bhriathrachas agus na shamhlaidheachd. Tha e cur thairis le smuaintean lèirsinneach, bàrdail agus spòrsail, ann an dòigh a chùm an leughadair seo sàs, a' tionndadh duilleag an dèidh duilleig airson faighinn a-mach dè bha dol a thachairt."
Aonghas Dubh MacNeacail, lèirmheas, 2006.

Leugh lèirmheas air an leabhar seo (Beurla) bho The Scottish Arts Council

Tha dealbh-chluiche de Shrapnel ri fhaighinn cuideachd

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Shrapnel

  • £8.99


Related Products

An Druim Bho Thuath

An Druim Bho Thuath

Clàr, 2011. 184 duilleag An treas nobhail le Tormod Caim..

£8.99

Deireadh an Fhoghair

Deireadh an Fhoghair

U&R Chambers, 1979. 116 duilleag, còmhdach cruaidh Th..

£4.95

An Naidheachd Bhon Taigh

An Naidheachd Bhon Taigh

Cànan, 1994. 138 duilleag. Sheas mi anns an doras agus chunna..

£8.95

Sgeulachdan sa Chiaradh

Sgeulachdan sa Chiaradh

Acair, 2015.  138 duilleag. Èisdibh, mas àill leibh, ..

£9.99

Shrapnel: An Dealbh-Chluich

Shrapnel: An Dealbh-Chluich

Leabhraichean Beaga, 2016.  120 pages. Air ath-sgrìob..

£5.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Dun Eideann, Abhachdas, Eucoir

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: