Gymnippers Diciadain

Clàr, 2006. 350 duilleag.

Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE MAIN LITERARY PRIZE 2005

Fear is tè, DJ agus Caroline, a' coinneachadh ri linn a bhith toirt an cuid chloinne gu Gymnippers an Dùn Èideann. Fhad `s a bhios a' chlann ag eacarsaich, fàsaidh iadsan eòlach air a chèile. Is fàsaidh sinne eòlach orrasan - is air iomadach neach eile a tha a' suathadh nam beatha.

Tha a' bheatha sin ga nochdadh dhuinn fad mu ochd mìosan air bliadhna shònraichte. Is fhad `s a tha sinn a' leantainn caran is tionndaidhean an sgeòil, cuirear fa ar comhair na bha dha-rìribh a' dol san t-saoghal a-muigh, o thachartais eadar-nàiseanta gu feadhainn bheag nach fiosraicheadh mòran. Tha an colmadh gar toirt gu domhainn a-staigh a shaoghal làitheil pearsachan an leabhair
`S e saoghal làn cainnt a tha sin. Bha e soilleir o Ath-Aithne gu robh alt iongantach aig an ùghdar seo air còmhradh. Agus abair gu bheil sin an seo, eadar sgaoilteach mhòr dhaoine, an Alba is thall thairis.

Còmhraidhean mu cheistean an latha, mu eachdraidh, mu dhualchas, mu theaghlaichean. Is gu h-àraidh còmhraidhean mun deidhinn fhèin aig an dithis a choinnich aig Gymnippers. Saoil dè tha romhpa?

Ri fhaighinn mar leabhar-èisteachd cuideachd

"Sgeul ioma-dhathach, tarraingeach a tha seo..."
  Michel Byrne, Oilthigh Ghlaschu

Leugh lèirmheas bho The Scottish Review of Books

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Gymnippers Diciadain

  • £8.99


Related Products

Ath-Aithne

Ath-Aithne

Clàr, 2003. 234 duilleag. Saltire Society FIRST BOOK OF THE ..

£8.99

An Latha as Fhaide

An Latha as Fhaide

Clàr, 2008. 316 duilleag. ’S ann às Na Hearadh a tha Niall..

£8.99

Air a Thòir

Air a Thòir

Clàr, 2011. 360 duilleag. Nuair a bha e a' tionndadh làmh ..

£8.99

Cala Bendita 's a Bheannachdan

Cala Bendita 's a Bheannachdan

Acair, 2014. 203 duilleag. Cruinneachadh de sgeulachdan go..

£9.99

Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd

Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2006. Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE..

£10.00

Tuath air a' Bhealach

Tuath air a' Bhealach

Sandstone Press, 2015.  88 duilleag. Is e tè òg nach..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Dun Eideann, Uibhist a Deas

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: