Cuibhl' an Fhortain
  • Cuibhl' an Fhortain

Comunn Dràma Ghàidhlig Ghlaschu, 2001. 23 duilleag.

Dealbh-cluich ann an aon sealladh
Geàrr-chunntas Gàidhlig (Bhon leabhar fhèin)
Dh'fhalbh dithis mac Dhòmhnaill is Mhàiri dhan chogadh ann an 1914, Iain dhan RNR is Calum dhan àrm. Bha an teaghlach an dùil gun deach Calum a mharbhadh sna tràinsichean. Uine as dèidh sin thill e “o na marbh” ach bha a bhean, Peigidh, air Iain, a bhràthair, a phòsadh is dùil aca ri leanabh. Tha Calum ga fhaicinn fhèin gun nì, is a h-uile càil – bean is teaghlach, slàint' is dachaigh – a bha e 'n dùil a bha gu bhith aige fhèin, a-nis aig Iain. Air an Oidhche Bliadhn' Uir seo tha aoibhneas mòr san eilean agus suas ri 300 seòldair a' tilleadh – Iain nam measg – on chogadh. Ach tha searbhachd an cridhe Chaluim, is tha e a' sireadh fois dha inntinn san deoch. Falbhaidh Dòmhnall an coinneamh an “Iolaire” son Iain a thoirt dhachaigh à Steòrnabhagh. Nì e sin, ach tha “Cuibhl' an Fhortain” fhathast a' cur nan caran...

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Cuibhl' an Fhortain

  • £1.50


Tagaichean: Cuibhl' an Fhortain

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: