An Uinneag don Iar

Sandstone Press, 2016. 90 duilleag.

Cha robh dòigh às ann dhaibh ach tron uinneig, agus b' e sin an cothrom mu dheireadh aig an teaghlach Schmidt mus rachadh am balla a thogail, a' sgaradh taobh Sear Bherlin bhon taobh Siar. Agus fada, fada don iar, tha cuimhne fhathast aig Màiri air an latha ud, air na dh'fhàg i às a dèidh agus air na rinn i airson faighinn air falbh, ach chan eil Catrìona, a nighean, fhathast eòlach air fìor eachdraidh a màthar.

Tha Mìcheal Klevenhaus na dheagh sgeulaiche a bhios a' snìomh an fhiosrachaidh tro na duilleagan ann an dòigh a chumas an stòiridh a' dol gu siùbhlach. Tha na caractaran domhainn, iomadh-fhillte, fìor agus air an deagh leasachadh a dh'aindeoin giorrad nan caibideilean agus an leabhair. Tha an t-ùghdar cuideachd ag obair air cuspairean dham bi co-fhaireachdainn aig an leughadair, mar sgaradh eadar daoine, an dà chuid gu corporra agus ann an sgaradh inntinn far nach urrainn do dhaoine bruidhinn mu rudan a tha cudromach eatarra. 'S e na rudan air nach robhar a' bruidhinn agus na gnìomhan nach robh air an dèanamh tro na bliadhnaichean a tha a' fàgail na sgeulachd làidir 's sinn a' tuigsinn an aithreachais a th' ann a thaobh beatha eadar-dhealaichte nach robh ann agus na daoine a tha a' fulang air sgàth sin.
Màiri Rhind (lèirmheas ann an STEALL 01 dd.95-97)

Leugh lèirmheasan air GoodReads agus le Daibhidh Eyre

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An Uinneag don Iar

  • £7.99


Related Products

Saorsa

Saorsa

Clàr, 2011.151 duilleag. Cruinneachadh ùr agus beothail d..

£8.99

San Dùthaich Ùir

San Dùthaich Ùir

Sandstone Press, 2011. 96 duilleag. Theich pàrantan Anna às ..

£7.99

An Creanaiche

An Creanaiche

Sandstone Press, 2015.  84 duilleag.  Bha am bo..

£7.99

A' Choille Fhiadhaich

A' Choille Fhiadhaich

Sandstone Press, 2017. 80 duilleagB' esan an caraid a bh' fheàrr ..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Lasag, Ficsean Eachdraidheil, Cogadh Fuar, A' Ghearmailt, Uibhist

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: