Rannsachadh na Gàidhlig 4: Cànan & Cultar / Language & Culture

Dunedin Academic Press, 2010. 203 duilleag.

Gheibhear san leabhar seo eòlas farsaing agus domhainn mu chànan, cultar, litreachas agus eachdraidh coimhearsnachd mhòr na Gàidhlig. 

Chaidh an dusan aiste san leabhar seo a sgrìobhadh le cuid de na sgoilearan as fheàrr a th' ann an-diugh ann an saoghal na Gàidhlig agus na Ceiltis. Thathar a' sgrìobhadh air litreachas, cànanachas, cultar traidiseanta agus eachdraidh nan Gàidheal fo chaochladh chuspair: bàird is sgoilearan Chloinn Dòmhnaill, Niall MacMhuirich, caochlaideachd leicseachail, an sreath ficsein, Ùr-Sgeul, taighean-tughaidh an Leòdhas, gliocas ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain, bàrdachd Chrìsdein MhicIlleBhàin, sgrìobhadh air tràilleachd san ochdamh linn deug, an dàn 'Flodden' ann an Leabhar Deadhan Lios-mòir, agus daltachas agus na fineachan Gàidhealach san t-seachdamh linn deug.

Tha na h-aistean stèidhichte air pàipearan agus còmhraidhean a chaidh a chumail aig Rannsachadh na Gàidhlig 4, aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, san Iuchar 2006.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Rannsachadh na Gàidhlig 4: Cànan & Cultar / Language & Culture

  • £22.00


Tagaichean: Rannsachadh na Gaidhlig 4: Canan & Cultar / Language & Culture

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: