Sealladh Às Ùr air Ealain na Gàidhealtachd

The Royal Scottish Academy, 2013. 132 duilleag.

Luchd-deasachaidh:
Murchadh Dòmhnallach
Lesley Lindsay
Lorna J. Waite
Meg Bateman

'S tearc a gheibh obair-ealain le Gàidheal no obair-ealain a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd, an aire air a bheil i airidh mar phàirt chudromaich de dh'ealain na h-Alba.

Tha an leabhar seo a' feuchdainn ri sin atharrachadh. Thàinig e a-mach à pròiseact rannsachaidh eadar Ionad an Rannsachaidh Lèirsinnich aig Colaiste Ealain agus Dealbhaidh Duncan of Jordanstone (Oilthigh Dhùn Deagh) agus Sabhal Mòr Ostaig (Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean). Mar thoradh air seo, bha an taisbeanadh cudromach 'Uinneag dhan Àird an Iar: Ath-lorg Ealain na Cathrach an Dùn Èideann thairis air a' gheamhradh, 2010-11.

Thugadh taic thar tomhais seachad leis na leanas: Comhairle-Rannsachaidh nan Ealain agus an Fhoghlaim Dhaonna, Urras Carthannach PF, Bòrd na Gàidhlig, Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Urras Charnegie airson Oilthighean na h-Alba, Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, An Lanntair an Steòrnabhagh, Comann Albannach Eachdraidh na h-Ealain, Ionad Ealain na Cathrach an Dùn Èideann, Cruinneachadh Fleming an Lunnainn, an t-Oilthigh Fosgailte an Alba, agus Comhairle nan Leabhraichean.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sealladh Às Ùr air Ealain na Gàidhealtachd

  • Còd a' bhathar: 9780905783246
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £15.00


Tagaichean: Sealladh As Ur air Ealain na Gaidhealtachd

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: