Na Klondykers - Leabhar-èisteachd
  • Na Klondykers - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2005.

1989. An 'Cogadh Fuar' aig àirde. Agus a-mach bho bhaile beag Gàidhealach tha cabhlach iongantach: ceudan de bhàtaichean-iasgaich Ruiseanach. Iad air tòir an rionnaich, is iarraidh air a-nis mar a bh'air an sgadan fhèin. Tha a' bhuil air a' bhaile: tha an t-airgead pailt, caviar ri fhaighinn sna taighean-òsta, Pravda sna bùithtean.

Buinidh Dòmhnall is Iain a bhràthair dhan àite, is tha iad ag iarraidh an cuid fhèin às na tha seo. Tha iadsan ag iasgach leis an Dawn Rose còmhla rin caraid John D.

Tha an cuan caochlaideach co-dhiù, ach tha trioblaidean eile aca cuideachd: gnothaichean teaghlaich, còmhstri eadar na coigrich is muinntir a' bhaile, agus na thachras an cois pailteas airgid. Aig a' cheart àm, tha cothroman ann: air fearas-chuideachd, air òl, ceòl, danns - is suirghe.

Tha an t-ùghdar gar toirt a-steach a theis-meadhan a' bhaile, a theis-meadhan an teaghlaich, len duilgheadas is len toileachas. Gheibh sinn eòlas air na Ruiseanaich cuideachd, agus à coinneachadh an dà choimhearsnachd tha sgeulachd a' tighinn a tha brìoghmhor is siùbhlach, is a ghleidheas sinn fada nar cuimhne.

Guth ur ann an rosg na Gaidhlig - cumhachdach agus comasach
Aonghas Dubh MacNeacail

Gheibhear an leabhar an seo

Leugh lèirmheas bho The Scottish Review of Books

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Na Klondykers - Leabhar-èisteachd

  • £10.00


Related Products

Na Klondykers

Na Klondykers

Clàr, 2005.285 duilleag. 1989. An 'Cogadh Fuar' aig àirde..

£8.99

Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd

Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2006. Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE..

£10.00

Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar-èisteachd

Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2004. Nobhail chumhachdail eile bho Aonghas Pàdraig..

£10.00

Dacha Mo Ghaoil - Leabhar-èisteachd

Dacha Mo Ghaoil - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2005.   3 CDan. Tha creutairean annasach a' ti..

£10.00

Tagaichean: Leabhar-eisteachd

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: