Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd
  • Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2004.

Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo, ach tha n ah-aon phearsachan a' sìor nochdadh, is tha an leabhar coltach ri nobhail aig an aon àm.

'S e am fear a tha a' toirt ainm dhan leabhar as trice a chì sinn, agus chan ainneamh leis a bhith ann an suidhichidhean ùidheil is neo-àbhaisteach. Tha fear Dòmhnall Iain ann cuideachd, is leanaidh sinn a chùrsa-san tron leabhar, agus feadhainn annasach eile, gu h-àraid an Sgeilbheag ('s a bhrògan donna) 's an Sleapan. Mean air mhean, tha eachdraidh nan daoine sin ga nochdadh, agus 's ann a' sìor mheudachadh a tha an t-eòlas a th' againn orra fhèin is air an t-saoghal aca.
Tha an saoghal sin caochlaideach cuideachd: saoghal Nis a th' ann uaireannan, le cuan is mòinteach is buntàta is cailleachan is bàrdachd; uaireannan eile, 's e saoghal seunta, le prionnsaichean is draoidheachd is brògan a nì cainnt! Ach ge b' e air bith dè an suidheachadh, tha an sgrìobhadh brìoghmhor, siùbhlach, eirmseach. Bheir an leabhar seo an dà chuid gàire is smaoin oirnn.

Gheibhean an leabhar an seo

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd

  • £10.00


Related Products

Tocasaid 'Ain Tuirc

Tocasaid 'Ain Tuirc

Clàr, 2004. 144 duilleag. Cruinneachadh sgeulachdan a th' aga..

£8.99

Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile

Clàr, 2013. 246 duilleag. Seo an dàrna cruinneachadh sgeul..

£8.99

Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd

Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2006. Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE..

£10.00

Dacha Mo Ghaoil - Leabhar-èisteachd

Dacha Mo Ghaoil - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2005.   3 CDan. Tha creutairean annasach a' ti..

£10.00

Tagaichean: Ficsean, Sgeulachdan goirid, Leabhar eisteachd

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: