Leabhar-latha Croitearachd

Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Uibhist a Deas, 2017. 32 duilleag

Rugadh Aonghas MacAoidh ann an 1936 agus chaidh a thogail air croit a theaghlaich ann an Ormacleit, Uibhist a Deas. 'S e fear de sheachdnar chloinne a bh' ann an Aonghas agus, còmhla ri a bhràthair, Dòmhnall Iain, dh'obraich iad na croitean aca ann an Ormacleit airson iomadh bliadhna.

Bha croitearachd riamh ann am beatha Aonghais agus tha e air aithris phearsanta a sgrìobhadh mu dheidhinn beatha air a' chroit rè làithean òige agus mar a bha na mìosan, na ràithean agus an t-sìde a' toirt buaidh air an latha obrach.

Tha beatha croitearachd Aonghais beairteach anns a h-uile dòigh agus tha e na thoileachas dhan fhoillseachar seo a thoirt dhuibh mar dhìleab.


Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Leabhar-latha Croitearachd

  • Le: Angus MacKay
  • Còd a' bhathar: 9781527212473
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £5.00


Related Products

From Small Lochs To Great Lakes: The Remarkable Story of a First World War Soldier, Sailor, and South Uist Crofter

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: