Air Mo Chuairt - My Journey

Acair, 2016.  214 duilleag.

Rugadh Ealasaid Chaimbeul am Barraigh sa bhliadhna 1913. Anns an leabhar seo tha i a' toirt cunntas mionaideach air a h-òige san eilean agus na bliadhnaichean mòra an uair sin a' teagasg sa bhun-sgoil ann am Barraigh agus ann am Bhatarsaigh. Tro sùilean-se chì sinn coimhearsnachd a' strì ri buaidh an dà chogadh mhòr agus an liuthad cruadail a thàinig às dèidh sin. Ach, gheibh sinn cuideachd cunntas air daoine innleachdail le creideamh làidir agus dòigh beatha beartach anns an dualchas a thàinig thuca sìos tro na linntean.

Dh'fhoillsich Acair Air Mo Chuairt an toiseach ann an 1982, le ath-chlò-bhualadh ann an 1987, agus tha e a-nis air ath-fhoillseachadh le riochd Beurla na chois sgrìobhte le bana-Bharrach eile - Màiri Flòraidh Nic a' Bhreatannaich.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Air Mo Chuairt - My Journey

  • £10.50


Tagaichean: Air Mo Chuairt - My Journey

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: