An Druim Bho Thuath

Clàr, 2011. 184 duilleag

An treas nobhail le Tormod Caimbeul.

Aon oidhche dhorch, bliadhnachan bhuaithe, thàinig duine an rathad seo agus stad e aig an taigh-òsta agus dh'iarr agus fhuair e rùm, bha rùm gu leòr ann. Mas math mo chuimhne, 's tha mo chuimhne math, cha robh air aoigheachd ann ach Mr Craig, Mgr. Farquharson agus Bart - 's e sin ri ràdh Bartolomeus no, cho deiseil air bàrr na teanga: 'Bartolomeus mac Alpheuis'. Bha iad ann an siud nan triùir, aig Dia tha fios, aost. Agus aona bhoireannach, Rose - dud eile? le fàinneachan, fags agus falt dearg. Biodh sin mar a bhitheas, a' ghaoth air teiche a-mach gu an iaras, na sgòthan fo sgaoil nan deann a' dol seachad, cha chrùbadh tu ro fhada ri bruaichean dubha na h-aibhne.
Am b' ann bhon taobh sin a bha a thriall, an duine?

Air an toirt còmhla, tha na trì nobhailean aig Tormod a' Bhocsair airidh air a' mholadh as àirde. Cha chreid mi gu bheil saoghal na Gàidhlig mothachail gu bheil tàlant 'nar measg a tha cho làidir ri tàlant MhicGill-Eain neo MhicThòmais, ach ann am modh-sgrìobhaidh eile.
Raghnall MacIlleDhuibh (Leugh an lèirmheas air fad bho The Scotsman)

Leugh lèirmheas eile (Beurla) bho The Sunday Herald

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An Druim Bho Thuath

  • £8.99


Related Products

Shrapnel

Shrapnel

Clàr, 2006. 175 duilleag. An oidhche bha iad sa ghleann dubh..

£8.99

Deireadh an Fhoghair

Deireadh an Fhoghair

U&R Chambers, 1979. 116 duilleag, còmhdach cruaidh Th..

£4.95

An Naidheachd Bhon Taigh

An Naidheachd Bhon Taigh

Cànan, 1994. 138 duilleag. Sheas mi anns an doras agus chunna..

£8.95

Sgeulachdan sa Chiaradh

Sgeulachdan sa Chiaradh

Acair, 2015.  138 duilleag. Èisdibh, mas àill leibh, ..

£9.99

Shrapnel: An Dealbh-Chluich

Shrapnel: An Dealbh-Chluich

Leabhraichean Beaga, 2016.  120 pages. Air ath-sgrìob..

£5.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Leodhas

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: