Am Miseanaraidh

Clàr, 2006. 68 duilleag.

Tha ministear a' dol a thìr chèin, a mheasg muinntir cho ao-coltach ris fhèin `s a ghabhas a bhith. `S dòcha gun cuir an suidheachadh nar cuimhne mar a thuirt am boireannach ann an sgeulachd eile le Mac a' Ghobhainn, A' Bhan-Soisgeulaiche, mun fheadhainn a bha timcheall oirre: "Cha bhuin iad dhomh."
Ach chan e suidheachadh sìmplidh a th'ann idir, is cuirear fìor iongnadh oirnn turas no dhà mun tig an eachdraich gu ceann.

Chaidh and sgeulachd seo a sgrìobhadh anns a' Bheurla cuideachd, ach tha i nas siùbhlaiche sa Ghàidhlig, is i ga h-aithris gu dian, gun abhsadh, gun lasachadh, ann an dòigh a tha nas àbhaistiche ann am bàrdachd. Chaidh a fàgail againn le fear de phrìomh ùghdaran na Gàidhlig, is e aig àirde a chomais.

Co-dhiù a bha Mac a' Ghobhainn ri bàrdachd no ri rosg, bha an duilgheadas a th'aig daoine ann a bhith tuigsinn a chèile, ann a bhith dèanamh cheanglaichean ri chèile, air fear dhe na prìomh chuspairean aige. Agus tha samhla glè dhealbhach air an astar a dh'fhaodas a bhith eadar daoine san sgeulachd seo.

Aon dhe na sgeulachdan as fheàrr a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn
An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn mar leabhar-èisteachd

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Am Miseanaraidh

  • £6.00


Related Products

Na Speuclairean Dubha

Na Speuclairean Dubha

Gairm, 1989. 59 duilleag. Dè seòrsa fear a bh'ann? Carson..

£4.95

Na Guthan

Na Guthan

Gairm, 1991. 88 duilleag. Tha sinn a' cluintinn iomadach ..

£6.00

Iain Mac a' Ghobhainn: A' Bhàrdachd Ghàidhlig

Iain Mac a' Ghobhainn: A' Bhàrdachd Ghàidhlig

Acair, 2013. 391 duilleag. A' Bhàrdachd Ghàidhlig aig Iain..

£15.00

Am Miseanaraidh - Leabhar-èisteachd

Am Miseanaraidh - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2006. 68 duilleag. Tha ministear a' dol a thìr chèi..

£8.00

Tagaichean: Ficsean, Ur-Sgeul, Creideamh, Afraga

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: