An Latha as Fhaide

Clàr, 2008. 316 duilleag.

’S ann às Na Hearadh a tha Niall MacLeòid ach tha e air a bhith a’ fuireach ann an ceann a deas Shasainn fad iomadh bliadhna. Tha obair mhath aige ann an Seirbheis a’ Chrùin, taigh mòr agus dòigh-beatha chomhartail. Dh’fhaodadh e bhith riaraichte le staid, a rèir choltais.

Goirid ron a seo, ge-tà, gheibh Niall droch naidheachd mu shlàinte agus, ged nach tig seo gu càil, tha e a’ togail cheistean na inntinn mun dòigh-beatha a tha aige agus na rudan a leig e seachad air a son. Teagamhan fiù ’s. A bheil e dha rìribh riaraichte le chor?

Tha Niall a’ cur roimhe tadhal, san aon latha, air na h-àiteachean a bha cudromach dha na bheatha gu seo – Na Bàigh, Steòrnabhagh, Glaschu, Dùn Èideann agus air ais dhachaigh a Shuraidh. ’S e seo ‘an latha as fhaide’. Dè tha e a’ sireadh agus dè a’ chrìoch a tha gu bhith air a latha?

Tha an t-ùghdar ag innse na sgeulachd tro bhriathran Nèill fhèin. Tha e gu sgileil a’ cur far comhair gach ceum de thuras. Turas anns a bheil iomadh caractar agus tionndadh. Tha gaol agus gamhlas, àbhachdas agus aithreachas anns ‘An Latha as Fhaide’. Bheir e ort smaoineachadh.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An Latha as Fhaide

  • £8.99


Related Products

Gymnippers Diciadain

Gymnippers Diciadain

Clàr, 2006. 350 duilleag. Bha an leabhar seo air geàrr-lios..

£8.99

Ath-Aithne

Ath-Aithne

Clàr, 2003. 234 duilleag. Saltire Society FIRST BOOK OF THE ..

£8.99

Air a Thòir

Air a Thòir

Clàr, 2011. 360 duilleag. Nuair a bha e a' tionndadh làmh ..

£8.99

Cala Bendita 's a Bheannachdan

Cala Bendita 's a Bheannachdan

Acair, 2014. 203 duilleag. Cruinneachadh de sgeulachdan go..

£9.99

Tuath air a' Bhealach

Tuath air a' Bhealach

Sandstone Press, 2015.  88 duilleag. Is e tè òg nach..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Na Hearadh

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: