Am Bounty

Clàr, 2008. 204 duilleag.

Bho monaidhean Leòdhais gu tràighean Tahiti gu prìosan ann an Lunnainn. Tha an sgeulachd bheothail seo a’ leantainn seòladair à Leòdhas a chaidh a thoirt air falbh leis a’ Phress Gang na bhalach agus a bha air bòrd HMS Bounty nuair a thionndaidh an sgioba an aghaidh Captain Bligh ann an 1789.

Tha Iain F. MacLeòid air an sgeulachd fhìor seo a chur ri chèile mar gum b’ e an seòladair fhèin a tha ga h-innse. Tha an aithris sìmplidh agus siùbhlach mar gum biodh e dìreach a’ bruidhinn rinn.

Tha Am Bounty a’ toirt beò dhuinn gach ceum den t-slighe fhada agus chunnartach air an deach an seòladair. An togail a fhuair e ann an Steòrnabhagh, socair gu leòr an toiseach gus an do chaill an teaghlach an dachaigh. A bheatha air bòrd bàta Nèibhidh, cruaidh is cunnartach, ach rianail. Malairt, mìorbhailean agus gaol ann an Tahiti - agus sonas airson greis. Ach … an uair sin?

Mas toigh leat sgeulachd bheothail air a deagh innse, seo agad i!

Leugh lèirmheas air GoodReads

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Am Bounty

  • £8.99


Related Products

Ìmpireachd

Ìmpireachd

Clàr, 2010. 172 duilleag. Thug athair Thormoid an rathad mòr ..

£8.99

Na Klondykers

Na Klondykers

Clàr, 2005.285 duilleag. 1989. An 'Cogadh Fuar' aig àirde..

£8.99

Seonaidh Mòr

Seonaidh Mòr

Gairm, 1993. 57 duilleag. Nobhail goirid a tha air a stè..

£4.95

An Sgoil Dhubh

An Sgoil Dhubh

Acair, 2014.  190 duilleag. Tha an Rìgh marbh, na Dra..

£9.99

Dìoghaltas

Dìoghaltas

Acair, 2017. 158 duilleag Sreath mhurtan air Eilean Leòdhais ’..

£11.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-Sgeul, Ficsean Eachdraidheil, Leodhas, Seoladh

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: