An t-Urramach Iain MacRuairidh - A Bheatha agus na Sgrìobhaidhean aige

Clàr, 2013. 123 duilleag.

Rugadh Iain MacRuairidh (1843-1907) ann am Beinn a' Bhaoghla. Fhuair e cead searmonachaidh ann an 1877, agus bha e na mhinistear ann an Ìle, ann an Tiriodh agus ann an Snitheasort. Ach a bharrachd air a sheirbheis do dh'Eaglais na h-Alba, rinn an t-Urr. MacRuairidh mòran sgrìobhaidh, agus is mòr am beud nach eilear nas eòlaiche air mar shàr sgrìobhadair is eadar-theagair Gàidhlig. Faodaidh gur h-e as coireach cho tric 's a bha e a' cleachdadh ainm-pinn, no às aonais ainm idir.

Noch a sgrìobhadh ann an gruinn phàipearan no irisean; The Highlander, MacTalla, an Northern Chronicle agus 'Na Duilleagan Gàidhlig' ann an iris na h-Eaglais, Life and Work. Dh'eadar-theangaich e an leabhar Sgeulachdan Arabianach agus a chuid as motha dhen leabhar Robinson Crusoe. Chuir e a-mach leabhraichean cuideachd: Eachdraidh Beatha Chriosd ann am Briathran a' Bhioball (1893); agus An Fhìrinn mu Eaglais na h-Alba (1902), eadar-theangachadh air leabhar leis an Dr. Urr. Uilleam Mair.

Gu fortanach, tha Calum Laing air mòran rannsachaidh a dhèanamh air obair Iain MhicRuairidh, bràthair a sheanar, agus anns an leabhran seo gheibhear fìosrachadh mionaideach is feumail air a bheatha is air na sgrìobh e, cuin a sgrìobh e e agus càite. Nochd a' chiad riochd dhen chunntas seo ann an Transactions Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bidh mòran a bharrachd eòlais againn air àite-san ann an lireachas na Gàidhlig o seo a-mach.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An t-Urramach Iain MacRuairidh - A Bheatha agus na Sgrìobhaidhean aige

  • Le: Calum Laing
  • Còd a' bhathar: 9781900901758
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £6.99


Tagaichean: An t-Urramach Iain MacRuairidh - A Bheatha agus na Sgriobhaidhean aige

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: