Leabhraichean Gaidhlig le Alba Aosmhor
  • Alba Aosmhor - 4 Tiotalan

Gheibhear na ceithear tiotalan a leanas, a tha a' toirt sùil air togalaichean ann an Alba aig a bheil eachdraidh cudromach, aig prìs sònraichte!

Seann Fhùirneis-Iarainn Bhun Abha
Togte faisg air Abhainn Abha, às an tàinig an t-uisge a thug cumhachd don bhalg-shèididh àibheiseach, agus faisg air Gleann Neannta, anns an robh na craobhan daraich is beithe a thug gual-fiodha dhi, 's e a th' ann an Seann-Fhùirneis-Iarainn Bhun Abha an fhùirneis-smàlaidh, a bha air a h-obrachadh le èadhar fuar, as slàine ann an Eileanan Bhreatainn. Chaidh an làrach-gnìomhachais brèagha seo a stèidheachadh ann an 1753, agus a dh'aindeoin leasachaidhean ann an gnìomhachas an iarainn, chùm i a' dol gu 1876.

Caisteal Dhùn Stafhainis
Chaidh Caisteal Dhùn Stafhainis, aon de na caistealan as sine ann an Alba, a thogail mu 1220 mar dhaingneach do Chlann 'icDhùghaill. Aig Dùn Stafhainis, tha ceangal daingeann againn ris a' chòmhstri eadar Nirribhidh is Alba airson sealbh air Innse Gall san 13mh linn. Agus sna linntean às dèidh sin a-rithist agus a-rithist bha an caisteal an teis-meadhan cogadh is còmhrag fhad 's a bha rìghrean is banrighrean na h-Alba a' feuchainn ri smachd a chumail - le taic bho an luchd-leanmhainn dìleas, na Caimbeulaich - air an sgìre gharbh, neo-riaghailteach seo san iar.

Taigh Dubh Arnol - Eilean Leòdhais
Airson nan ceudan de bhliadhnaichean, bha e na chleachdadh ann an Leòdhas gum biodh daoine is beathaichean fon aon chabar. Nuair a chaidh 42 Arnol fhalmhachadh anns na 1960an, chaidh an taigh-tughaidh a chur air cùram na stàite. An-diugh, 's e Taigh Dubh Arnoil an ceangal susbainteach mu dheireadh a th' againn ris an dualchas sin, agus tha a bhith a' tadhal air a' dùsgadh smuaintean mu dhòigh-beatha ann an Leòdhas, nì a tha a-nise taobh a-muigh cuimhne dhaoine.

Fort George - Àird nan Saor
Tha Fort George air daingneach cho mìorbhaileach 's a tha san Roinn Eòrpa. Air a thogail do dh'arm an Rìgh Deòrsa II an dèidh Blàr Chùil Lodair (1746) mar ionad air nach faigheadh nàmhaid buaidh, bha 21 bliadhna ann mus robh e deiseil. Ach cha do loisg na gunnaichean aige urchair riamh le feirg. An-diugh tha an dùn, a dhealbh an Seanalair Uilleam Skinner agus a thog teaghlach ailtirean Adam, fhathast a' frithealadh air feumalachdan Arm Bhreatainn.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Alba Aosmhor - 4 Tiotalan

  • Còd a' bhathar: 9781849170420
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £10.00


Related Products

Caisteal Dhùn Èideann

Caisteal Dhùn Èideann

Alba Aosmhor, 2008. 64 duilleag. Tha Caisteal Dhùn Èideann..

£5.00

Caisteal Shruighlea

Caisteal Shruighlea

Alba Aosmhor, 2011. 65 duilleag. Is dòcha gun deach a' chr..

£5.00

Cathair-Eaglais Ghlaschu

Cathair-Eaglais Ghlaschu

Alba Aosmhor, 2009. 41 duilleag. Bha Cathair-Eaglais Ghlas..

£4.00

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: