Sgeir nan Ròn
  • Sgeir nan Ròn

Comunn Dràma Ghàidhlig Ghlaschu, 2002. 24 duilleag.

Dealbh-cluich ann an aon sealladh.
Geàrr-chunntas Ghàidhlig (Bhon leabhar fhèin)
Tha taigh Chora, boireannach mu aois dheich air fhichead, air bàrr nan creag. Tha a dreach is a h-aodach a' sealltainn nach ann de mhuinntir an eilein a tha i. Tha i air an t-eilean airson feuchainn ri tachartas dhuilich na beatha a chur air chùl. `S e glè bheag de chonaltradh a th' aice ri muinntir an eilein. Tha i na h-aonar is aonarach. Tha i brùite le ciont, is i den bheachd nach soirbhich ceangail sam bith eadar i fhèin is duine eile. A dh'aindheon sin, is an aghaidh a toil, tha tarraing eadar i fhèin is Ruairidh, beulathrisiche a tha air chuairt air an eilean. As deidh Cora tuiteam air creagan a' chladaich, aidichidh i fhèin is Ruairidh ri na faireachdaidhean a th' aca da chèile. Ach tha rud eile a' cur dragh mòr air Cora is tha i an imis leigeil ris do Ruairidh mar a tha i fo bhuaidh, is fo chumhachd, na...nuair a thig Ciorstag, a nàbaidh a-steach. Tha adhbhar aice, da-rìreabh, eagal a bhith oirre ron a' chumhachd sin ach chan ann mar a bha i 'm beachd a thionndaidh cùisean a-mach.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sgeir nan Ròn

  • £1.50


Tagaichean: Sgeir nan Ron

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: