Bainne-Nòis
  • Bainne-Nòis

Comunn Dràma Ghàidhlig Ghlaschu, 2000. 24 duilleag.

Dealbh-cluich ann an aon sealladh
Geàrr-chunntas Gàidhlig (Bhon leabhar fhèin)
Dealbh-cluich a tha èibhinn ach a tha cuideachd a' toirt sgobag no dhà air beachdan is dòighean a tha freumhaicht' gu làidir am measg dhaoine – is gu h-àraid am measg nan Gàidheal. Ged a tha Anna Bheag air faighinn a-mach gu bheil i trom, chan eil i idir an dùil athair an leanabh a phòsadh. Chan eil duine ga tuigs' is chan eil duine dol leatha ach a h-athair, Eoghann, oir na shùilean-sa chan urrainn do dh'Anna cron sam bith a dhèanamh. Fon daorach, leigidh e ris ri bhean, Oighrig, is ris a mhinistear, an t-Urr Ros, a bheachd air a' chùis agus orrasan. Nuair a thuiteas an oidhche tha cùisean caran dòrainneach...Ach tha grian geal na h-ath mhadainn ged tha, toirt sealladh eile dhaibh air na beachdan is na duilgheadasan a bh'aca roimhe – is seo a' tòiseachadh le teileagram nach eil, 's dòcha an toiseach, furast' a mhìneachadh...

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Bainne-Nòis

  • £1.50


Tagaichean: Bainne-Nois

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: