D.M.N.C - Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich

Clàr, 2014. 480 duilleag.

Na bheatha ghoirid, sgrìobh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich - Dòmhgan Dhòmhnaill Dhonnchaidh - mòran òran agus pìosan bàrdachd,  sia dealbhan-cluiche, deannan aistidhean fada air diofar chuspairean, diofar phìosan de rosg cruthachail agus measgachadh de stuth leithid lèirmheasan agus eadar-theangachaidhean. Chaidh feadhainn dhe na ciad òrain aige nach deach fhoillseachadh riamh a ghleidheadh ann am Barraigh: tha cuid dhiubh sin sa chruinneachadh ùr seo.

Tha Aonghas MacLeòid, sgoilear òg ann an Oilthigh Ghlaschu aig a bheil ceangal ri Barraigh, air mòran obair rannsachaidh a dhèanamh air sgrìobhadh cruthachail  Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich. Tha CLÀR fortanach gu robh Aonghas deònach ro-ràdh a dhèanamh airson an leabhair.  Tha facal-toisich ann le Lisa Storey cuideachd.

Nuair a dh’eug Dòmhnall Mac na Ceàrdaich ann an 1932, rinn am bàrd ainmeil Hugh MacDiarmid dàn‑cuimhneachaidh dha, agus tha sin ri leughadh anns an leabhar seo.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

D.M.N.C - Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich

  • £9.99


Tagaichean: D.M.N.C - Sgriobhaidhean Dhomhnaill Mhic na Ceardaich

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: