Mo Là Gu Seo : Eachdraidh mo Bheatha le Tòmas M. MacCalmain

Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba, 2011. 237 duilleag.

Tha an eachdraidh-bheatha seo na iomradh tarraingeach, tlachdmhor air beatha Thomais MhicCalmain (1907−1984). Cluinnear mu bhliadhnachan òige MhicCalmain ann am Baile Ghobhainn agus Caol Reatha, làithean-sgoile ann am Port Rìgh agus na bliadhnachan a chuir e seachad mar oileanach an Glaschu. A bharrachd air cunntas air obair mar mhinistear ann an Gleann Eilg agus Baile Ghobhainn, gheibhear seallaidhean luachmhor air a’ phàirt a ghabh e ann an leasachaidhean fearainn air a’ Ghàidhealtachd, obair leis a’ Chomann Ghàidhealach agus mar a chaidh e an sàs ann an craoladh na Gàidhlig. Tha an leabhar seo gu math freagarrach an dà chuid do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ’s a’ Ghàidhlig aig MacCalmain furasta leantainn.

Tha an leabhar seo a' leantainn Os Cionn Gleadhraich nan Sràidean, taghadh de na sgrìobhaidhean Gàidhlig aig an Oll. MacCalmain, a chaidh fhoillseachadh le Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba ann an 2010.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Mo Là Gu Seo : Eachdraidh mo Bheatha le Tòmas M. MacCalmain

  • £10.00


Tagaichean: Mo Là Gu Seo : Eachdraidh mo Bheatha le Tòmas M. MacCalmain

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: