Air Bilean an t-Sluaigh: Sealladh air Leantalachd Beul-Aithris Ghàidhlig Uibhist a Tuath

Cló Ollscoil na Banríona / Queen's University, Beul Feirste, 2012. 256 duilleag. Còmhdach cruaidh.

Tha an leabhar seo stèidhichte air tràchdas a choisinn MPhil bho Oilthigh Dhùn Èideann dhan ùghdar. Ann a bhith a' meòrachadh air leantalachd beul-aithris Uibhist a Tuath, tha an leabhar a' sealltainn air co-theacsa sòisealta agus dualchasach beul-aithris, air feumalachd agus tairbhe beul-aithris agus air na h-adhbharan airson tanachadh an dualchais-bheòil. Tha e cuideachd a' beachdachadh air a' cheangal eadar leantalachd beul-aithris agus gnè a' chomainn-shòisealta, air àite nam boireannach agus air mar a bha cànan aig cridhe gach taobh dhen dualchas.

Choisinn an leabhar seo Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2011 agus Leabhar na Bliadhna aig a' Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2012.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Air Bilean an t-Sluaigh: Sealladh air Leantalachd Beul-Aithris Ghàidhlig Uibhist a Tuath

  • £30.00


Tagaichean: Air Bilean an t-Sluaigh: Sealladh air Leantalachd Beul-Aithris Ghaidhlig Uibhist a Tuath

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: