A' Choille Fhiadhaich Lèirmheas

Lèirmheas: A' Choille Fhiadhaich

Lèirmheas: A' Choille Fhiadhaich

A’ Choille Fhiadhaich le Coinneach Lindsay – leabhar ùr às an t-sreath Lasag

Airson trì seachdainean, bidh mi aig Comhairle nan Leabhraichean air greis gnìomhachais. Air a’ chiad seachdain, leugh mi A’ Choille Fhiadhaich le Coinneach Lindsay, leabhar ùr às an t-sreath Lasag.

’S e page-turner a th’ ann gu dearbh. Bhon a' chiad duilleag a-mach, cha robh mi airson an leabhar a chur sìos.

Anns a’ chiad chaibideil, tha sinn a’ coinneachadh ri Anna, am prìomh charactar, agus tha sinn ag ionnsachadh gun robh cunnart is bàs faisg oirre, agus faisg oirnn cuideachd air sgàth ’s gu bheil sinn nar leughadairean.

Tha sinn ag ionnsachadh gur e Anna an nighean aig Aonghas agus Rona agus gun robh i aonaranach air an eilean far an robh a h-athar na bhalach. Ghluais an teaghlach dhan eilean às a’ bhaile-mhòr nuair a bha Anna san sgoil agus cha do chur an sgoil ùr aice fàilte oirre idir. A chionn ’s gun robh i na h-aonar, chruthaich i caraid mac-meanmnach, Pipkin, agus chur iad seachad na bliadhnaichean tràtha aig Anna còmhla ri chèile.

Ach dh’ fhàs Anna suas agus chur i stad air na cèilidhean aig Pipkin. Chan fhaca i e a-rithist chun an latha nuair a thòisich an leabhar, an latha uabhasach nuair a bha an t-eagal oirrese agus bha i a’ ruith anns a’ choille. Agus a-nis, cha robh smachd aig Anna air Pipkin.

Chan eil an leabhar a’ ruith ann an òrdugh a-rèir eachdraidh. Tha sinn a’ leum tro ùine ron agus às dèidh an latha uabhasach sin. Beag air bheag, tha sinn ag ionnsachadh eachdraidh Anna agus tha sinn a’ tuigsinn barrachd mu a deidhinn agus mu dheidhinn Pipkin agus a pàrantan cuideachd.

’S e aon de na leabhraichean bhon t-sreath Lasag a th’ anns an leabhar. Tha leabhraichean Lasag ag amas air inbhich òga ach tha mi cinnteach gun còrd A’ Choille Fhiadhaich ri duine sam bi aig an robh caraid mac-meanmnach.

Mar a h-uile leabhar eile anns an t-sreath Lasag, tha geàrr-iomradh sa Bheurla aig toiseach gach caibideil agus tha beag-fhaclair aig bonn corra dhuilleag. Tha a’ Ghàidhlig sìmplidh agus furasta gu leòr a thuigsinn, gu h-àraid leis na geàrr-iomraidhean.

Tha an sgeulachd sgoinneil airson luchd-ionnsachaidh – agus chan ann dìreach air sgàth ’s gur e page-turner a th’ ann, le pailteas de gnìomha. Tha e cuideachd air sgàth ’s gu bheil Coinneach Lindsay a’ cluiche ri beachdan inntinneach air feadh na sgeulachd – mar eisimpleir, dè an diofar eadar beatha is bàs nuair tha thu nad aonar?

Agus air cùlaibh a h-uile tachartais, tha a’ choille ann – uaigealta, eagalach agus cho sean ri ceò nam beann.

Micaela Ash
Oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig


Bidh A' Choille Fhiadhaich ri fhaighinn air 9 Màrt. Bidh Coinneach Lindsay a' bruidhinn mun leabhair aig Fèis Aye Write! ann an Glaschu air 11 Màrt, mar phàirt de Thaisbeanadh Sgrìobhadairean Gàidhlig Ùra - gheibhear tiogaidean an seo

Air a sgrìobhadh le Micaela Ash

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

A' Choille Fhiadhaich

A' Choille Fhiadhaich

Sandstone Press, 2017. 80 duilleagB' esan an caraid a bh' fheàrr ..

£7.99

0 Beachdan Gu "Lèirmheas: A' Choille Fhiadhaich "

Sgrìobh Beachd

D' Ainm:
 
Am Beachd Agad:
An aire: Chan eil HTML ceadaichte!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: