Sealladh air 2016

Sealladh air 2016

Ged nach ann ann an dòigh dòchasach a bhios sinn uile a’ toirt sùil air ais air 2016, chan eil teagamh ann nach e bliadhna air leth soirbheachail a bh’ ann ann an saoghal litreachas na Gàidhlig!

Chaidh farsaingeachd de leabhraichean do dh’inbhich fhoillseachadh ann an 2016, nam measg leabhraichean ficsean, bàrdachd, dràma, eachdraidh-beatha, eachdraidh agus siubhail. 

Bha ùghdaran Gàidhlig an sàs ann an cuid de na fèisean litreachais as motha (agus feadhainn nas lugha) ann an Alba thairis air 2016, leithid Aye Write!, Word, Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Fèis Leabhraichean Bhaile na h-Ùige, Imprint, Fèis Leabhraichean Inbhir Narainn, Fèis Leabhraichean Ulapuil agus Fèis an Taobh an Iar ann an Glaschu. Chuir Comhairle nan Leabhraichean measgachadh de thachartasan air dòigh tron t-Samhain airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba a chomharrachadh, nam measg cur air bhog beòthail (agus pinc!) Banais na Bliadhna,an leabhar ùr le Maureen NicLeòid, foillsichte le Sandstone Press.

Chaidh iomadh leabhar a chur air bhog ann am bùth Chomhairle nan Leabhraichean, agus cuideachd bha sreath de thachartasan ‘Coinnich ris an Ùghdar’ ann, còmhla ri sgrìobhadairean aig an robh nobhailean goirid anns an t-sreath Lasag bho Sandstone Press. Chòrd ùghdaran leithid Màrtainn Mac an t-Saoir, Mìcheal Klevenhaus, Alison Lang agus Ruairidh MacIlleathain gu mòr ris an luchd-èisteachd, an dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh.

Gun teagamh, b’ e Duais Dhòmhnaill Meek aon de na prìomh tachartasan litreachail ann an 2016. Airson a’ chiad uair, chaidh tachartas fa leth a chumail san Dàmhair ann an Ionad na Pìobaireachd ann an Glaschu, àite gu math spaideil. Bha sia leabhraichean air a’ gheàrr-liosta: dà chruinneachadh bhàrdachd, dà nobhail, cruinneachadh de sgeulachdan goirid agus leabhar-cloinne. Chaidh an duais a bhuileachadh air Pàdraig MacAoidh agus Iain S. Mac a’ Phearsain, a dheasaich An Leabhar Liath (Luath Press), sgrùdadh air 500 bliadhna de bhàrdachd gaoil is drabastachd. Fhuair cruinneachadh den bhàrdachd aig Pàdraig MacAoidh fhèin, Gu Leòr, foillsichte le Acair, air geàrr-liosta Chomann Crann na h-Alba airson Leabhar Bàrdachd na Bliadhna.

Fhuair litreachas na Gàidhlig spionnadh ann an 2016 nuair a chaidh iris litreachail ùr, STEALL, a chur air bhog le Clàr anns an Dàmhair. Nochd measgachadh de sgrìobhaidhean bho ùghdaran ùra agus stèidhichte anns a’ chiad iris, nam measg agallamhan, ficsean, sgeulachdan goirid, bàrdachd is òrain, lèirmheasan agus aistidhean. Chaidh tachartasan soirbheachail a chumail ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis airson STEALL 01 a chur air bhog, anns an do ghabh cuid de na sgrìobhadairean a bha an sàs anns a’ chiad iris pàirt. Tha leughadairean mar thà a’ dèanamh fiughair ri STEALL 02, a thèid fhoillseachadh anns a’ Chèitean 2017 agus anns am bi an aon fharsaingeachd de sgrìobhaidhean.

Fhuair Sìne NicLeòid agus Eòghan Stiùbhart Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2016 bho Chomhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba. Ghlèidh bàrdachd Eòghain cuideachd a’ chiad àite san fharpais bhàrdachd aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh. Thèid an dithis a gheibh Duaisean 2017 ainmeachadh aig deireadh a’ Ghearrain. B’ ann air Marcas Mac an Tuairneir a chaidh Duais an Sgrìobhadair Dràma Ùr a bhuileachadh.

Chaidh cùrsa còmhla ri Ruairidh MacIlleathain air Sgilean Sgrìobhaidh is Deasachaidh Gàidhlig airson nan Gnìomhachasan Cruthachail a chumail ann an Inbhir Nis anns an t-Samhain, agus fhuaras lèirmheasan glè mhath bhon fheadhainn a fhuair àite air. Thèid modalan agus cùrsaichean eile a tha a’ freagairt gu sònraichte air na meadhanan agus an roinn fhoghlaim a chur air dòigh ann an 2017.

Fhuair clann bho gach roinn-aois taghadh air leth de leabhraichean Gàidhlig an-uiridh, is tòrr dhiubh rim faighinn mar fhaidhlichean-fuaim cuideachd air làrach-lìn Gaelic4Parents.

Bha cothrom aig sgoilearan ann an meadhan na dùthcha pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach air dealbhachadh leabhraichean còmhla ri Sandra Steele aig Fèis Wee Write! ann an Glaschu sa Ghearran. Bidh Sandra a’ ruith bhùithtean-obrach aig Wee Write! a-rithist am-bliadhna, air Diardaoin 2 Màrt.

Chaidh Linda NicLeòid ainmeachadh mar Thosgaire Òg airson Leughadh Gàidhlig agus tha na seiseanan mìosail aice ‘Leugh is Seinn le Linda’ anns a’ bhùth, a tha air an ruith ann am com-pàirteachas leis An Lòchran, a’ dol o neart gu neart. Thadhail Linda air diofar sgoiltean agus sgoiltean-àraich tron bhliadhna agus chòrd na seiseanan aice ris na sgoilearan – agus ri na tidsearan – gu mòr! Thèid sreath ùr, ‘Leugh le Linda’, a chraoladh air BBC Alba ann an 2017.

Thàinig 2016 gu crìoch le “uf” anns a’ bhùth, nuair a chuir sinn leabhar ùr Montaidh agus Mìlsean air bhog aig a’ phàrtaidh Nollaige againn. ’S e Montaidh agus Mìlsean an dàrna leabhar le Gayle Clarke mu dheidhinn Montaidh an cù dailmèisean, a chaidh a thionndadh gu Gàidhlig le Mìcheal Hill. Bidh Montaidh an làthair aig Fèis Wee Write! ann an Glaschu air 3 Màrt.

Tha sinn mar thà air planaichean a chur air dòigh airson tachartasan, fèisean agus iomairtean ann an 2017 – cumaibh sùil air www.gaelicbooks.org no lean @LeughLeabhar air Twitter airson an fhiosrachaidh as ùire!

Air a sgrìobhadh le Shelagh

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

Gu Leòr

Gu Leòr

Acair, 2015.  93 duilleag. Cruinneachadh de bhàrdachd..

£12.00

Banais na Bliadhna

Banais na Bliadhna

Sandstone Press, 2016.  74 duilleag. Banais eile, prè..

£7.99

STEALL 01

STEALL 01

CLÀR, 2016. 152 duilleag Iris litreachais ùr le sgrìobha..

£8.00

Montaidh agus Mìlsean

Montaidh agus Mìlsean

Wee Mackay Publishing, 2016. 24 duilleag. Sgeulachd èibhin..

£6.50

0 Beachdan Gu "Sealladh air 2016"

Sgrìobh Beachd

D' Ainm:
 
Am Beachd Agad:
An aire: Chan eil HTML ceadaichte!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: