Lèirmheas: An Làmh a Bheir le Seonaidh Charity

Lèirmheas: An Làmh a Bheir le Seonaidh Charity

Lèirmheas: An Làmh a Bheir le Seonaidh Charity

An Làmh a Bheir le Seonaidh Charity – leabhar às an t-sreath Lasag

An t-seachdain-sa, leugh mi An Làmh a Bheir le Seonaidh Charity, leabhar eile às an t-sreath Lasag. O thoiseach gu deireadh, thug an sgeulachd orm smaoineachadh – mu dheidhinn colonachd (colonialism), dìoladh agus sannt corporra. Ged a thachair gnìomh an leabhair eadar Alba agus Afraga, b’ urrainn dhomh na h-aon cùisean aithneachadh san dùthaich agamsa – Astràilia.

Thòisich an leabhar le Calum, am prìomh charactar, ann an coinneamh-obrach. Tha sinn ag ionnsachadh nach robh Calum toilichte san obair aige idir ach gun do choisinn e airgead gu leòr air a shon fhèin agus a mhàthair. ’S dòcha nach robh a’ chompanaidh a’ deanamh deagh obair, ach fhad ’s nach robh Calum a’ togail a chinn a-mach às an obair aige fhèin – na h-àireamhan – cha bhiodh e a’ faireachdainn ro dhona.
Ach aon latha, thug an ceannard cothrom do Chalum a dhol a Namibia, far am biodh e aghaidh ri aghaidh ri buaidhean na h-obrach aige.

Tha a’ mhòr-chuid den leabhar a’ ruith ann an òrdugh a-rèir eachdraidh, ach tha earrannan beaga eadar na caibidealan far a bheil an sgeulachd a’ leum air ais do leanabas Chaluim ann an Ceann Loch Biorbhaidh ann an ceann a tuath na h-Alba. Anns na h-earrannan seo, tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn pàrantan Chaluim, gu h-àraid a mhàthair.

Tha an leabhar ag amas air inbhich òga ach tha mi a’ smaoineachadh gun còrd e ri farsaingeachd de leughadairean. Sgrìobh mi aig toiseach an lèirmheis seo gur ann mu dheidhinn sannt corporra ’s a tha an leabhar, agus tha sin ceart, ach tha e cuideachd mu dheidhinn uallach pearsanta. Tha an t-ùghdar a’ cur ceistean oirnn mar: dè tha gar brosnachadh? Agus dè na buaidhean a h-aig na h-obraichean againn air an t-saoghal? Chan eil a’ Ghàidhlig cho simplidh – glè thric air sgàth nam beachdan toinnte mun a bheil Seonaidh Charity a’ sgrìobhadh. Ach leis na geàrr-iomraidhean sa Bheurla aig toiseach gach caibideil agus na beag-fhaclairean aig bonn corra dhuilleag, tha an sgeulachd furasta gu leòr a thuigsinn agus a leantainn airson luchd-ionnsachaidh.

’S e leabhar inntinneach agus cudromach a th’ ann agus mholainn dhan a h-uile duine a leughadh.


Micaela Ash
Oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, air greis gnìomhachais aig Comhairle nan Leabhraichean

Air a sgrìobhadh le Micaela Ash

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

An Làmh a Bheir

An Làmh a Bheir

Sandstone Press, 2016.  71 duilleag. Tha e an ceann a..

£7.99

0 Beachdan Gu "Lèirmheas: An Làmh a Bheir le Seonaidh Charity"

Sgrìobh Beachd

D' Ainm:
 
Am Beachd Agad:
An aire: Chan eil HTML ceadaichte!

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: