Latha nan Leabhraichean

Latha nan Leabhraichean

Bha sinn air ar dòigh nuair a fhuair sinn 453 postairean bho 10 sgoiltean anns a' cho-fharpais a bha sinn a' ruith airson Latha nan Leabhraichean - abair gun robh e doirbh taghadh a dhèanamh eatorra! Dh'iarr sinn air sgoilearan an leabhar Gàidhlig is fheàrr leibh a thaghadh agus còmhdach ùr a dhèanamh air a shon - bha sinn air leth toilichte gun robh tuilleadh is 50 leabhraichean air an riochdachadh.

Seo na postairean a bha airidh air moladh ann an gach roinn-aois:



Seo na postairean a fhuair air a' gheàrr-liosta ann an gach roinn-aois:



Agus seo na trì postairean a bhuannaich, agus a tha a-nis air an crochadh ann an uinneagan na bùtha. 'S ann bho sgoilearan ann an Sgoil Stafain (aois 5-6) agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu (aois 7-8 agus aois 9-12) a thàinig iad.


Mìle taing a-rithist dhan a h-uile sgoil a ghabh pàirt anns a' cho-fharpais!

Air a sgrìobhadh le Shelagh

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

Na Neònachain

Na Neònachain

Acair, 2008. 24 duilleag. Tha drathaisean a' falbh bhon t..

£5.99

Ceit agus an Caiptean

Ceit agus an Caiptean

An Cuilean Craicte, 2015.  86 duilleag. "Aidh ai..

£10.99

Gurmòrosaurus

Gurmòrosaurus

Acair, 2016 An tionndadh Gàidhlig le Mòrag Stiùbhart Thu..

£6.99

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: