A' Toirt Mo Chasan leam - Ranntairean Palastaineach

A' Toirt Mo Chasan leam - Ranntairean Palastaineach

A' Toirt Mo Chasan leam - Ranntairean Palastaineach

Ràinig mi a’ chrìoch aig Drochaid Allenby eadar Iòrdan agus Bruach-an-Iar (pàirt de na Ranntairean Palastaineach) le aodach salach agus pràbardaich dhen Arabais. Bha mi air siubhal airson làithean tro dhùthchannan Arabach agus an-dràsta b’ urrainn dhomh faclan a ràdh mar marhaba (halò), shukran (mòran taing) agus ismee Micaela (’s mise Micaela). Ach b’ e Iosaraileach a bh’ anns na crìochairean aig Drochaid Allenby agus cha robh ùidh aca ann an Arabais idir. Na bu mhiosa na sin, cha robh facal Eabhrach agamsa. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh shalom a’ ciallachadh ‘halò’ ach cha robh mi buileach cinnteach.

Tha crìochairean Iosraeleach air a bhith aig a’ chrìoch eadar Iòrdan agus Bruach-an-Iar bho 1967, nuair a bha cogadh ann eadar Iosrael agus iomadh dùthchannan Arabach, leithid Iòrdan, an Èipheit agus Siria. B’ e Cogadh nan Sia Làithean a bh’ air agus, mar a bhiodh sibh an dùil bhon ainm, cha do mhair an cogadh ach sia làithean. B’ e Iosrael a bhuadhaich an cogadh agus, on uair sin, tha na Ranntairean Palastaineach air a bhith fo smachd Iosrael, an dà chuid Bruach-an-Iar agus Raon Ghàsa.

Mus do ràinig mi Drochaid Allenby, dh’innis mo charaidean dhomh gum biodh e na b’ fheàrr a ràdh gun robh mi ag iarraidh a dhol a dh’Iosrael a-mhàin. Thuirt iadsan, “Na can gu bheil thu ag iarraidh a dhol a Phalastain! Cha bheir iad cead-inntrigidh dhut!”

Ach ’s e droch bhreugaire a th’ annam agus nuair a chuir an crìochaire a’ chiad cheist orm – “Càit’ a bheil sibh ag iarraidh a dhol?” – thuirt mi air ball:

“Na Ranntairean Palastaineach.”

Nochd greann air aodann a’ chrìochaire.

“Gu mionaideach?” dh’iarr e orm.

“Tha mi ag iarraidh Betlehem fhaicinn.”

Cha b’ e breug a bh’ ann. Bha mise ag iarraidh a dhol a Bhetlehem, airson latha co-dhiù. Agus smaoinich mi gun robh e na bu shàbhailte a ràdh Betlehem na àite sam bith eile air sgàth ’s gun tèid mòran luchd-turais a Bhetlehem. Bha dùil agam gum biodh an crìochaire na bu thoilichte le sin, ach cha robh e idir. Chuir e ceistean orm na ghuth greannach: “Carson a tha sibh ag iarraidh a dhol a dh’àite mar sin?” “A bheil gràin agaibh air Iosrael?” “Nach eil fhios agaibh gun robh Betlehem uabhasach cunnartach?” “An e ceannairceach a th’ annaibh?”

Cha b’ urrainn dhomh creidsinn gum biodh e a’ cur ceistean mar sin orm agus gu luath bha mi nam fhuar-fhallas. Dh’innis mi dha a h-uile rud – gun robh mi ag iarraidh tadhal air mo charaid, dè an t-ainm a bh’ air, càit’ an robh e a’ fuireach, an àireamh fòn aige, càit’ an do choinnich sinn ri chèile a’ chiad turas, fiù ’s carson a rinn mi càirdeas ris!

“Uill,” fhreagair mise. “’S e duine snog a th’ ann... Agus ’s toil leis an dithis againn Heartbreak High, sreath telebhisein à Astràilia...”

Chuir mi seachad dà uair a thìde mar sin. Mu dheireadh thall, bha e toilichte gu leòr nach b’ e nàmhaid do dh’Iosrael a bh’ annam agus thug e cead-inntrigidh dhomh! Abair faochadh!

Às dèidh turas fada ann an tagsaidh tron fhàsach, choinnich mi ri mo charaid aig Ceàrnag Al-Manara ann am meadhan baile Ramallah. Bha mi air mo dhòigh nuair a chunnaic mi e fon t-soidhne airson ‘Stars and Bucks’, seòrsa Starbucks Palastaineach. Dhìochuimhnich mi gun robh mi ann an dùthaich Muslamach airson mionaid agus chuir mi mo ghàirdeanan ma thimcheall. Bha gàire air ach ghluais e air ais gu luath (bha mòran daoine a’ coimhead oirnn).

Yalla,” thuirt e, a’ ciallachadh rudeigin eadar ‘tiugainn’ agus ‘greas ort’. “Chan eil mo dhachaigh cho fad air falbh ann an servees.”

’S e seòrsa tagsaidh co-roinnte a th’ ann an servees, coltach ri busaichean beaga ach gun clàr-ama cruaidh.

Bha mo charaid ceart, cha robh an t-astar eadar Ramallah agus a bhaile cho fada, ach cha robh astar a’ ciallachadh an aon rud anns na Ranntairean Palastaineach ’s a bhiodh e a’ ciallachadh ann an àiteigin eile. An t-adhbhar? Na saighdearan aig na checkpoints.

Tha checkpoints Iosralach air feadh Bruach-an-Iar. ’S e seòrsa bacadh-rathaid a th’ annta, coltach ri crìoch na dùthcha, ach cha bhi sibh a’ gluasad gu dùthaich diofraichte. Bidh na saighdearan Iosralach ag iarraidh ur cairt-aithneachaidh fhaicinn agus ’s dòcha gun cuir iad ceistean oirbh mar “dè tha sibh a’ dèanamh agus càit’ a bheil sibh a’ dol?” Uaireannan, bidh iad a’ faireachdainn gu bheil na h-uairean a’ dol seachad ro shlaodach agus feumaidh iad spòrs fhaighinn ann an dòigh air choireigin. Mas ann mar sin a tha cùisean, glè thric bidh trioblaid ann.

Gu fortanach air ar son, cha robh trioblaid againn aig an checkpoint. Bha an saighdear ag iarraidh ar cairtean-aithneachaidh agus cha do chuir e ach aon cheist ormsa sa Bheurla:

“Carson a tha thu an seo? A bheil thu ceart gu leòr?’”

“Tha,” thuirt mise. “Tha mi a’ tadhal air mo charaid.”

Thug an t-saighdear sùil air mo charaid agus bha e follaiseach nach robh e toilichte. ’S dòcha gun robh e a’ smaoineachadh gun robh mi fo bhruid? Dh’innis e dhomh gun robh e cunnartach ann am Bruach-an-Iar, ach cha tug e stad orm agus b’ urrainn dhuinn a dhol troimhe.

Ged a bha an checkpoint ceart gu leòr, cha robh sinn aig taigh mo charaid gu anmoch air an oidhche. Ach bha a theaghlach nan dùisg fhathast – athair, màthair, ceathrar peathraichean agus dà bhràthair. Chuir iad fàilte orm le dìnnear mhòr ’s bhlasta.

Ahlan wa-sahlan,” bha iad ag ràdh rium. (Fàilte is fuaran ort!)

Shukran,” fhreagair mise.

Chuir mo charaid a ghàirdean timcheall air mo ghuailnean.

“Fàilte a Mhicaela,” thuirt e. “Tha mi cho toilichte gu bheil thu an seo.”

“Tha ’s mise,” thuirt mi, agus bha gàire orm.


Ma tha sgeulachd agad fhèin bho thuras a ghabh thu, thall-thairis no anns an dùthaich seo, nach gabh thu pàirt anns a' cho-fharpais sgrìobhaidh againn - tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Air a sgrìobhadh le Micaela Ash

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

A' Toirt Mo Chasan Leam

A' Toirt Mo Chasan Leam

Acair, 2016. 382 duilleag. Ghabh Maureen NicLeòid bliadhna..

£14.99

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: