Lèirmheas: Ìmpireachd

Lèirmheas: Ìmpireachd

Lèirmheas: Ìmpireachd

Ìmpireachd le Iain F. MacLeòid

Tron t-seachdain mu dheireadh agam aig Comhairle nan Leabhraichean, leugh mi Ìmpireachd le Iain F. MacLeòid. Bha mi a’ smaoineachadh gur mathaid gum biodh e doirbh dhomhsa a leughadh air sgàth ’s nach deach an leabhar a sgrìobhadh airson luchd-ionnsachaidh. Agus, gu dearbh, bha agam ris an fhaclair a chumail ri làimh. Ach bha an leabhar cho inntinneach agus cho àlainn ’s nach robh trioblaid sam bith agam ach aig deireadh an latha nuair a bha agam ris an leabhar a chur sìos.

Tha an leabhar a’ leantainn dà charactar: athair agus a mhac. Rugadh ’s thogadh an dithis aca air an eilean ach cha do dh’fhuirich iad an sin. Aig toiseach an leabhair, tha an t-athair a’ fàgail an eilein agus a theaghlach – màthair, bràthair, bean agus dithis mhac òg. Chan eil sinn buileach cinnteach carson a dh’fhalbh e. An robh e ag iarraidh saorsa? Beatha ùr? No an robh e a’ ruith air falbh bho rudeigin a rinn e?

Chaidh esan gu New York, far an do thog e beatha ùr air a shon fhèin, fad air falbh ann an saoghal ùr – saoghal Beurla agus calpachais.

An uair sin, tha sinn a’ fàgail an athar ann an New York agus a’ dol air ais dha a mhac as sine, a tha a-nis na inbheach. Tha am mac air an eilean fhàgail cuideachd agus tha Gàidhlig mheirgeach aige a-nis. Ach tha e fhathast ceangailte ris an eilean agus ri a theaghlach an sin. Tha e air tè à Iran a phòsadh agus tha iad a’ togail teaghlaich ri chèile anns a’ bhaile-mhòr. Ach cha b’ e sin ach toiseach-tòiseachaidh.

’S ann mu dheidhinn teaghlach, cànan agus ceangal ri àite a tha an leabhar. Sgrìobh an t-ùghdar “’S e àite mòr a th’ anns an t-saoghal nuair a tha duine a’ dol a-mach innte” (d. 62). Ach, mar a tha sinn a’ faicinn anns an leabhar, tha ar eachdraidh, ar sgeulachdan agus ar cuimhne an-còmhnaidh gar cumail ceangailte bho bhreith gu bàs. ’S dòcha gu bheil sinn a’ smaoineachadh gun robh sinn air a h-uile rud nar seann bheatha fhàgail air ar cùlaibh, mar a smaoinich an t-athair, ach chan urrainn dhuinn sin a dhèanamh gu dearbh.

Sgrìobh Iain F. MacLeòid anns an dualchainnt aigesan, ach cha robh e doirbh a leantainn agus thug i blas math dhan sgeulachd.

’S e Ìmpireachd an leabhar Gàidhlig as fheàrr leamsa an-dràsta – chan urrainn dhomh ach a bhith an dòchas gum bidh an ath-leabhar a leughas mi cho math ris-san.

Micaela Ash, oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig

Air a sgrìobhadh le Micaela Ash

Rudan co-cheangailte ris an artaigil seo

Ìmpireachd

Ìmpireachd

Clàr, 2010. 172 duilleag. Thug athair Thormoid an rathad mòr ..

£8.99

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: