Poileasaidh Dìomhaireachd

Poileasaidh Dìomhaireachd

Nì Comhairle nan Leabhraichean ar dìcheall ri bhith a’ dìon fiosrachadh dìomhair a thathar a gleidheadh mu do dheidhinn. Cha bhi an fhiosrachadh a thèid a chruinneachadh mu do dheidhinn air a chleachdadh ach ann an dòigh laghail (a rèir Achd Dìon Dàta).

Tha fiosrachadh mu do dheidhinn air a chruinneachadh airson dà adhbhar: anns a’ chiad àite airson a bhith a’ dèiligeadh ris an òrdugh agad, agus anns an dàrna àite airson dèanamh cinnteach gun toir sinn dhut an t-seirbheis as fheàrr.

Bidh sinn a’ cruinneachadh am fiosrachadh a leanas:

• d’ ainm

• do sheòladh postachd (a rèir ceann-uidhe agus cunntais)

• do sheòladh puist-d

Cha bhi sinn idir a’ cruinneachadh fiosrachadh mu chairtean-creideis – tha Paypal, luchd-malairt tèarainte air-loidhne, a’ dèiligeadh ris an sin.

Cha chruinnich sinn fiosrachadh dìomhair sam bith eile mu do dheidhinn gun chead bhuat an toiseach.

Tha sinn a’ cur romhainn gum bi am fiosrachadh a tha air a ghleidheadh mu do dheidhinn ceart agus làithreach. Faodaidh tu sùil a thoirt air an fhiosrachadh a tha againn mu do dheidhinn le bhith a’ cur post-d thugainn. Ma chì thu mearachd sam bith, cuiridh sinn às dha no cuiridh sinn ceart e gu sgiobalta.

Bidh am fiosrachadh pearsanta a tha sinn a’ cruinneachadh air a ghleidheadh gu tèarainte a rèir poileasaidh tèarainteachd na Comhairle agus an lagh.

Ma bhios dùil againn fiosrachadh mu do dheidhinn a ghluasad gu taobh a-muigh an EEA (Ceàrn Eaconamach na h-Eòrpa), iarraidh sinn cead bhuat an toiseach.

’S dòcha gum bi feum air a chur air teicneòlas airson sgrùdadh a dhèanamh air mar a bhios luchd-tadhail an làraich-lìn againn ga cleachdadh. Dh’fhaodadh sin a bhith a’ ciallachadh gum bi ‘cookie’ air a stòradh air a’ choimpiutair agad ach, mar as trice, faodaidh tu casg a chur air an sin. Tha e comasach am fiosrachadh a tha air a chruinneachadh san dòigh seo a chleachdadh airson d’ aithneachadh mura bi casg air a chur air an teicneòlas.

Ma bhios ceistean no beachdan agad a thaobh dìomhaireachd, cuir fios thugainn air a’ phost‑d agus bidh sinn toilichte do cuideachadh.

Tèarainteachd

Tha gach gnothach a thaobh airgid tèarainte agus air a riaghladh le Paypal. Tha fiosrachadh mu thèarainteachd ri fhaotainn aig ìre ceannaich, mus tèid facal dhed fhiosrachadh a ghluasad tarsainn an eadar-lìon.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: