Tormod MacGill-Eain, 1936-2017

Tormod MacGill-Eain, 1936-2017


Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ dèanamh luaidh air an sgrìobhadair, an seinneadair, an cleasaiche is am pìobaire ainmeil, Tormod MacGill-Eain, a chaochail aig 80 bliadhna a dh’aois air 31 Lùnastal 2017.

Rugadh Tormod an Glaschu goirid ron Dàrna Cogadh is chaidh a thogail còmhla ri càirdean ann an Loch Abar, Uibhist a Deas is Beinn na Fadhla. B’ e aon de na Gàidheil a b’ ainmeile san dùthaich eadar na 1970n agus na 1990n, nuair a bhiodh e a’ tarraing sluagh mòr ri fhaicinn air an àrd-ùrlar agus air an telebhisean a’ seinn ’s a’ pìobaireachd is ri comadaidh.

Choisinn e Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Crùn na Bàrdachd aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu ann an 1967, an aon neach riamh a ghlèidh an dà dhuais san aon bhliadhna. A bharrachd air bàrdachd, sgrìobh e na nobhailean Cùmhnantan (Clò Loch Abar, 1996), Keino (Clò Loch Abar, 1998), Dacha Mo Ghaoil (CLÀR, 2005) agus Slaightearan (CLÀR, 2008), agus thugadh a-mach clàraidhean dhe fhèin a leughadh Keino agus Dacha Mo Ghaoil. Dh’fhoillsich e eachdraidh a bheatha sa Bheurla, The Leper’s Bell (Birlinn) ann an 2009, agus bhiodh e an sàs ann an sgeulachdan goirid, beul-aithris agus colbh sa phàipear ionadail, Am Pàipear, ann an Uibhist, far an do chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige.

Thathar a’ cuimhneachadh air a bhean, Peigi, agus air a theaghlach, a charaidean agus a’ choimhearsnachd an Uibhist far an robh meas mòr air.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: