Fèis Leabhraichean Byres Road

Fèis Leabhraichean Byres Road

Cur air Bhog Cailèideascop le Daibhidh Eyre
Disathairne 23 Sultain, 1.00 - 2.00f (Leabharlann Hillhead)

Tiogaidean an-asgaidh (£3 airson clàradh), rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise

'S e Cailèideascop a' chiad nobhail aig Daibhidh Eyre agus tha fèill mhòr air a bhith roimhe ann an saoghal litreachas na Gàidhlig. 'S e neach-ionnsachaidh na Gàidhlig a th' ann an Daibhidh, is 's ann a Glaschu a tha e: tha e air a bheatha proifeasanta a chur seachad mar neach-naidheachd agus oifigear nam meadhanan. Tha e air nobhail goirid do dh'inbhich, Glainne, agus measgachadh de bhàrdachd fhoillseachadh mar thà. Ann an Cailèideascop, gheibhear turas thar-labhairt a tha a' tòiseachadh san Eilean Sgitheanach, agus a' crìochnachadh anns na speuran.


'Boireannaich Beachdail'
Disathairne 23 Sultain, 3.00 - 4.00f (Leabharlann Hillhead)

Tiogaidean an-asgaidh (£3 airson clàradh), rim faighinn bho làrach-lìn na Fèise

Triùir sgrìobhadairean briathrach, beachdail ann an còmhradh le Catrìona Mhoireach, craoladair agus Cathraiche ùr Chomhairle nan Leabhraichean. Eatorra, tha Màiri E. NicLeòid, Maureen NicLeòid agus Seonag Monk air nobhailean, nobhailean-goirid, sgeulachdan goirid, leabhraichean do dh'inbhich agus cunntas-siubhail fhoillseachadh, a bharrachd air iomadh sgriobtaichean airson rèidio agus telebhisean. Chan eil teagamh nach bi sealladh sònraichte, èibhinne aca air saoghal craoladh, litreachas agus cultar na Gàidhlig.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: