Cathraiche Ur

Cathraiche Ùr do Chomhairle nan Leabhraichean

Tha Comhairle nan Leabhraicean air Catrìona Mhoireach ainmeachadh mar Chathraiche ùr. Bidh i a’ tòiseachadh anns an t-Sultain agus a’ leantainn Dhòmhnaill Iain MhicIlleDhuinn, a tha air a bhith anns an dreuchd bho 2010.

’S e riochdaire a th’ ann an Catrìona aig BBC Radio nan Gàidheal, agus chaidh a taghadh le Cathraiche agus Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean, às dèidh iomairt sanasachaidh nàiseanta.

Thuirt Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn:

“Tha e air a bhith na mhòr thoileachas is thlachd dhòmhsa a bhith nam Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean thairis air an ùine a dh’fhalbh. Tha fios agam gu bheil mi a’ fàgail na buidhne ann an suidheachadh cho làidir ’s a bha e a-riamh, an dà chuid air an taobh cruthachail agus air taobh ionmhais agus rianachd.

Tha fios agam gu bheil mi a’ fàgail na buidhne ann an làmhan sàbhailte Catrìona Mhoirich. ‘S e sàr Ghàidheal agus sàr chraoladair a th’ innte agus tha ùidh mhòr, mhòr aice ann an sgrìobhadh Ghàidhlig. Tha fios agam gun toir i Comhairle nan Leabhraichean air adhart, a’ cumail sgrìobhadh agus foillseachadh Gàidhlig aig cridhe a smuaintean agus a rianachd. Tha na buill a chùm taic rium agus a thug cuideachadh dhuinn thairis air na seachd bliadhna a dh’fhalbh rim moladh. Bu toil leam cuideachd taing mhòr a thoirt do luchd-obrach Chomhairle nan Leabhraichean airson an cuid saothrach thairis air na bliadhnaichean agus airson an cuid foighidinn! Bha tòrr obair an cois cuid de na h-atharraichean a thug sinn a-steach.”

Thuirt Catriona:

“Tha Dòmhnall Iain air obair ionmholta a dhèanamh thairis air na seachd bliadhna a tha e air a bhith mar Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean. Mo thaing mhòr dha airson sin. Tha mis’ an dòchas cur ris an t-saothair sin agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri obrachadh còmhla ri bòrd agus luchd-obrach na Comhairle. Tha taobh air a bhith agam ri Comhairle nan Leabhraichean o bha mi nam oileanach an Oilthigh Ghlaschu agus bha oifis na Comhairle stèidhte ann an Roinn na Ceiltis aig an àm. Le bliadhna shònraichte do Chomhairle nan Leabhraichean air fàire ann an 2018 tha mi an làn dhùil a bhith trang a‘ cur sgrìobhadh is leabhraichean Gàidhlig fa chomhair luchd-leughaidh fad is farsaing. ”

’S ann aig àm brosnachail dhan a’ bhuidheann a bhios Catrìona a’ tighinn gu Comhairle nan Leabhraichean is iad a’ comharrachadh 50 bliadhna on a chaidh a’ bhuidheann a stèidheachadh ann an 2018. ’S e a’ chiad tachartas poblach anns am bi i an sàs anns an dreuchd ùr Fèis Leabhraichean Byres Road, far am bi i na cathraiche air pannal de thriùir sgrìobhadairean Gàidhlig boireann air Disathairne 23 Sultain 2017.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: