DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2017 - GEÀRR-LIOSTA

DUAIS DHÒMHNAILL MEEK 2017 - GEÀRR-LIOSTA

Chaidh sia leabhraichean ùra Gàidhlig ainmeachadh air geàrr-liosta na bliadhna-sa airson Duais Dhòmhnaill Meek. Bidh Duais Dhòmhnaill Meek 2017 air a bhuileachadh air Leabhar na Bliadhna agus thèid duaisean eile airson litreachais a thoirt seachad ri linn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid luchd-glèidhidh nan duaisean ainmeachadh aig tachartas sònraichte ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu air Diardaoin 5 Dàmhair 2017.

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Leabhraichean, Rosemary Ward:

"Tha sinn air leth toilichte gu bheil Duais Dhòmhnaill Meek a’ fàs agus a’ dol bho neart gu neart gach bliadhna. Tha sinn fada an comain Bhòrd na Gàidhlig airson an taic ann a bhith a’ leudachadh an àireamh de dhuaisean a thathar a’ toirt seachad airson litreachas na Gàidhlig. Bha 18 tagraiche ann uile‑gu‑lèir am-bliadhna le measgachadh math de dhiofar gnè air an riochdachadh. Tha Comhairle nan Leabhraichean gu mòr an comain nam britheamhan a leugh a h-uile tagradh agus a thàinig gu aonta mu na leabhraichean a bha airidh air a dhol air a’ gheàrr-liosta. Tha e na thlachd a bhith a’ faicinn uiread de sgrìobhadairean ùra a’ gabhail ùidh anns an fharpais seo agus thathar a’ guidhe gach soirbheachas dhan h-uile duine a tha air a’ gheàrr-liosta.”

Chaidh na sia leabhraichean a leanas ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson Duais Dhòmhnaill Meek 2017:

  • Am Balach Beag a dh’ èisteadh aig Dorsan le Alison Lang
  • Beum-Sgèithe le Eòghann Stiùbhart
  • Dìoghaltas le Iain F. MacLeòid
  • Eachdraidh Beatha le Alison Dix
  • Èiginn Ùisdein le Mòrag Anna NicNèill
  • Taigh Sheonachain le Iain MacRath

 

Duais Dhòmhnaill Meek 2017
7.00f air Diardaoin 5 Dàmhair 2017
Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd, Sràid McPhater, Glaschu

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: