Tabhartasan Foillseachaidh

Tabhartasan Foillseachaidh

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann cuideachadh do dh’fhoillsichearan a tha ag amas air leabhraichean Gàidhlig sònraichte a chur an clò. Thathar a’ toirt prìomhachas do sgrìobhadh a tha sa Ghàidhlig a-mhàin, ged a thathar cuideachd a’ cur taic ri pròiseactan dà‑chànanach anns a bheil tomhas àrd de Ghàidhlig. Thathar a’ maoineachadh raon farsaing de litreachas, a’ gabhail a-steach tiotalan ann an cruthan didseatach is eile, a bharrachd air leabhraichean clò-bhuailte.

Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois. Thoiribh sùil air  'Fiosrachadh deatamach' gu h-ìosal.

Cinn-latha

Bidh Comataidh nan Tabhartas a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt) airson beachdachadh air taic-iarrtasan.

An ath cheann-latha airson iarrtasan: 16 Ògmhios 2017 (airson coinneamh an Lùnastail)

An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: 10 Cèitean 2017 

Bidh coinneamhan eile air an cumail:

  • An Lùnastal 2017 (ceann-latha airson tagraidhean: 16 Ògmhios 2017)
  • An t-Samhain 2017 (ceann-latha airson tagraidhean: 15 Sultain 2017)
  • An Gearran 2018 (ceann-latha airson tagraidhean: 15 Dùbhlachd 2017)

A’ cur a-steach tagradh

Feumaidh tagraichean a tha a’ sireadh taic-airgid foillseachaidh clàr-iarrtais airson Tabhartas Foillseachaidh a lìonadh. Luchdaich a-nuas clàr-iarrtais bhon làrach-lìn seo (faic an clàr-iùil gu h-àrd) no cuir brath gu Comhairle nan Leabhraichean a dh’iarraidh lethbhreac. Tha an clàr-iarrtais ri fhaighinn an dà chuid anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, agus ann an cruth Word no PDF. Feumaidh iarrtasan a bhith a‑steach co-dhiù sia seachdainean ron ath choinneimh de Chomataidh nan Tabhartas ach am bi iad air am measadh ann an àm. Cha bhi Comhairle nan Leabhraichean a' maoineachadh leabhraichean a tha foillsichte mus tig iarrtas a-steach airson measadh.

Fiosrachadh deatamach

A thuilleadh air clàr-iarrtais air a lìonadh gu coileanta, feumaidh gach tagraiche na leanas a chur an cois an tagraidh:

a) dreach eadar-amail no dreach deireannach air a thaipeadh dhen sgrìobhainn a thathar airson fhoillseachadh;

b) tuairmsean sgrìobhte bho gach luchd-malairt a bhios an lùib an leabhair, m.e. neach-ullachaidh-clò, dealbhadair is eile (bu chòir co-dhiù thuairmse a bhith ann bho chlò-bhualadairean eadar-dhealaichte);

c) mìneachadh air cosgaisean co-cheangailte ri pàirt sam bith dhen obair fhoillseachaidh a bhios dèante taobh a-staigh an fhoillsicheir, far a bheil sin iomchaidh.

Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ lìonadh a’ chlàr-iarrtais, faic an duilleag Stiùireadh agus Slatan-tomhais. Ma bhios feum air cuideachadh a thaobh an iarrtais, cuir brath chun na Roinn Litreachais is Foillseachaidh.

Aon tagradh mu choinneamh gach tiotal

Cha tèid gabhail ri barrachd air aon iarrtas airson tabhartas barantais agus aon iarrtas airson tabhartas foillseachaidh mu choinneamh gach tiotal fa leth. Aon uair ’s gun deach tagradh a chur a-steach, chan eil e ceadaichte tagradh eile a chur a-steach a’ sireadh tuilleadh taic dhen aon seòrsa airson an tiotal sin.

Iarrtasan coileanta

Bu chòir tagraidhean coileanta, cuide ri pàipearan-taice sam bith, a thilleadh gu:

Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

no

Email

Cuir ‘Iarrtas airson tabhartas foillseachaidh’ mar chuspair a’ phuist-dealain.

Fiosrachadh mun cho-dhùnadh

Thèid fios mu cho-dhùnadh Comataidh nan Tabhartas a sgaoileadh gu tagraichean taobh a‑staigh dà sheachdain às dèidh coinneimh na Comataidh. Ma bhios iarrtas soirbheachail, le tabhartas foillseachaidh air a thabhann, thèid litir fhoirmeil le cùmhnant chun an tagraiche tron phost.

Dè an seòrsa taic a tha ri fhaotainn?

Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan bho fhoillsichearan a tha a’ sireadh taic mu choinneamh cuid no na h-uile de chosgaisean co-cheangailte ri obair foillseachaidh anns na roinnean a leanas:

  • Obair-deasachaidh agus dearbh-leughadh
  • Deilbh agus dealbh còmhdaich (faic gu h-ìseal ‘Notaichean a bharrachd – Obair ealain’)
  • Clò-ullachadh
  • Clàr-amais
  • Clò-bhualadh
  • Clàradh CD/DVD/MP3/cruth iomchaidh eile
  • Ullachadh didseatach (teacsa a-mhàin)

Iarrtasan neo-iomchaidh

Tha cruthan ann ris nach bi Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic tro thabhartasan foillseachaidh. ’S iad sin:

  • Pàipear-sgrìobhaidh is eile
  • Bathar shanasachd sam bith, a’ gabhail a-steach cairtean agus mìosachain, làraich-lìn agus blogaichean
  • Geamaichean, apaichean, mapaichean agus cur-seachadan
  • Leabhraichean no goireasan oideachaidh gu sònraichte airson sgoiltean
  • Leabhraichean stiùiridh teicnigeach no leabhraichean-iùil
  • Foillseachaidhean às aonais no le glè bheag (nas lugha na 10%) de shusbaint ann an Gàidhlig na h-Alba

Ìrean de thaic

Dh’fhaodadh gum faigheadh iarrtasan soirbheachail airson tabhartasan foillseachaidh taic suas gu na h-ìrean a leanas:

Na h-ìrean as àirde/ìsle de thaic

Cha bhithear gu h-àbhaisteach a’ tairgsinn taic os cionn £5,500 airson foillseachadh fa leth sam bith, no barrachd air 70% de na cosgaisean foillseachaidh, ge brith dè as ìsle. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean airson cuideachadh le cosgaisean foillseachaidh nas ìsle na £100.

Leabhraichean (na h-ìrean-taic às àirde)

  • Foillseachaidhean le Gàidhlig na h-Alba a-mhàin – suas ri 70% de na cosgaisean (le £5,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Foillseachaidhean dà-chànanach – suas ri 50% de na cosgaisean (le £4,000 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Ath-chlò-bhualaidhean – suas ri 50% de na cosgaisean (le £2,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Chan eil foillseachaidhean le nas lugha na 10% de shusbaint Ghàidhlig na h-Alba gu h-àbhaisteach airidh air taic.

Irisean/ràitheachain (na h-ìrean-taic às àirde)

  • Foillseachaidhean le Gàidhlig na h-Alba a-mhàin – suas ri 70% de na cosgaisean (le £5,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Foillseachaidhean dà-chànanach – suas ri 50% de na cosgaisean (le £1,500 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Ath-chlò-bhualaidhean – suas ri 50% de na cosgaisean (le £1,000 aig a’ char as àirde) airson gach tiotal
  • Chan eil foillseachaidhean le nas lugha na 10% de shusbaint Ghàidhlig na h-Alba gu h-àbhaisteach airidh air taic.

Tha na suimeannan gu h-àrd mar eisimpleir air na h-ìrean às àirde a dh’fhaodte fhaighinn airson cuideachadh le obair foillseachaidh (agus chan ann, mar eisimpleir, mu choinneamh cosgaisean eadar-theangachaidh). Bidh na h‑ìrean gu h-àrd gan ath-sgrùdadh gach bliadhna.

Ceann-latha airson ath-sgrùdadh: An t-Samhain 2017

Notaichean a bharrachd

Measadh nan tagraidhean

Tha co-dhùnaidhean Chomataidh nan Tabhartas stèidhichte air measadh dhen fhiosrachadh air a thoirt seachad leis an fhoillsichear air a’ chlàr-iarrtais, le beachd air slatan-tomhais iomchaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic an duilleag Stiùireadh agus Slatan-tomhais.

Taic-airgid ro-làimh – 30% le aonta

Airson cuideachadh le cosgaisean ro-fhoillseachaidh, pàighidh Comhairle nan Leabhraichean cuibhreann de suas ri 30% de thabhartas foillseachaidh. Feumaidh cùmhnant a bhith air aontachadh eadar am foillsichear agus a’ Chomhairle mus faighte a’ chiad chuibhreann dhen mhaoin. Thèid an còrr dhen t-sùim a pàigheadh nuair a bhios an obair ann an clò, agus aon uair ’s gum faigh a’ Chomhairle dearbhadh mu na cosgaisean deireannach.

Gnèithean prìomhachais 2017-18

Ann an 2017-18, bidh Comhairle nan Leabhraichean gu sònraichte a’ sireadh thagraidhean anns na raointean a leanas:

  • Ficsean co-aimsireil agus fèin-eachdraidh/eachdraidh-beatha
  • Litreachas do dh’inbhich òga, a’ gabhail a-steach ficsean do dheugairean
  • Litreachas cloinne, gu sònraichte ficsean do chloinn aois 8-12 bliadhna
  • Leabhraichean èisteachd
  • Ficsean gu sònraichte airson luchd-ionnsachaidh inbheach
  • Dràma/dealbhan-cluiche

Thathar a' toirt prìomhachas do sgrìobhadh a chaidh a chruthachadh sa Ghàidhlig bho thùs (i.e. nach deach eadar-theangachadh bhon Bheurla/ cànan sam bith eile) ach bithear fhathast, ge-tà, a’ measadh iarrtasan mu choinneamh iomadh seòrsa obrach. Ma bhios an stòras-maoin a’ fàs gann, thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean làidir anns na raointean gu h-àrd. Bidh prìomhachasan a thaobh gnèithean gan ath-sgrùdadh gach bliadhna.

Obair ealain

Dh’fhaodadh gum biodh taic ri fhaighinn airson dealbh còmhdaich tro thabhartasan foillseachaidh Chomhairle nan Leabhraichean.

Dh’fhaodadh gum biodh dealbhan, dealbhan-camara no obair ealain eile a tha a’ cur ri brìgh an teacsa airidh air taic tro thabhartas foillseachaidh cuideachd. Bu chòir do dh’fhoillsichearan a tha a’ sireadh cuideachadh le cosgais dhealbhan (m.e. còraichean foillseachaidh/cìsean cead no obair ealain/dealbhan-camara ùr) mion-fhiosrachaidh agus figearan a chur ris a’ chlàr-iarrtais airson tabhartas foillseachaidh, le tuairmse sgrìobhte na chois.

Chan eil obair ealain a tha na phàirt mhòr is bhunaiteach de phròiseact (m.e. leabhar stèidhichte air cruth comaig no nobhail grafaig) gu h-àbhaisteach freagarrach airson maoineachadh tro thabhartas foillseachaidh, ach dh’fhaodadh gum biodh e airidh air tabhartas barantais.

Chan eil dealbhan-beò a bhios neadaichte an lùib leabhraichean-dealain freagarrach airson maoineachadh tro thabhartasan Chomhairle nan Leabhraichean.

Eadar-theangachaidhean

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ toirt prìomhachas ri bhith a’ cur taic ri sgrìobhadh ùr agus tùsail a tha a-mhàin ann an Gàidhlig na h-Alba. Tha tagraidhean mu choinneamh cosgaisean foillseachaidh sgrìobhadh air eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Alba bho chànain eile di-beathte cuideachd, ach gu h-àbhaisteach bidh an ìre de thaic nas ìsle na do stuth ga fhoillseachadh sa Ghàidhlig bho thùs. Bu chòir do dh’fhoillsichear a’ sireadh taic mu choinneamh cosgaisean eadar-theangachaidh beachdachadh air cur a-staigh airson tabhartas barantais.

Foillsichearan ùra

Tha Comhairle nan Leabhraichean airson foillsichearan ùra Gàidhlig a bhrosnachadh, agus dh’fhaodadh gum bitheamaid deònach beachdachadh air ìrean nas àirde de thaic (suas ri 100% de chosgaisean iomchaidh, air bhunait gach tiotal fa leth) airson a’ chiad dà thiotal le foillsichear ùr Gàidhlig. Bhiodh an taic seo an urra ri slatan-tomhais sònraichte a bhith air an coileanadh, a’ gabhail a-steach plana gnìomhachais mionaideach. Cuir fios ma tha thu am beachd a dhol an sàs ann am foillseachadh Gàidhlig – bhitheamaid toilichte cluinntinn bhuat.

Prògram foillseachaidh

Tha a’ Chomhairle a’ gabhail ri iarrtasan airson tiotalan fa leth, ach thathar gu h-àraidh deònach cuideachadh a thoirt do dh’fhoillsichearan a tha ag amas air barrachd air aon tiotal Gàidhlig fhoillseachadh taobh a-staigh 12 mìos anns a’ chiad dol-a-mach. Cuir fios ma ’s e foillsichear a th’ annad a tha a’ beachdachadh air prògram foillseachaidh a leasachadh.

Seasmhachd na h-àrainneachd

Tha Comhairle nan Leabhraichean a' moladh gum bi clò-bhualadairean agus goireasan le teisteanas FSC air an cleachdadh, cho fad 's a bhios e comasach.


Tabhartasan Maoineachaidh (2016-17)

Tabhartasan barantais: 12 thabhartas luach £25,110 gu h-iomlan gu ruige seo

Tabhartasan foillseachaidh: 24 thabhartas luach £39,229 gu h-iomlan gu ruige seo

Tabhartasan gu foillsichearan: £16,000 gu h-iomlan gu ruige seo

Gu h-iomlan 2016-17: £80,339


Gearainean

Ma tha thu dhen bheachd nach deach dèiligeadh ri do thagradh ann an dòigh chothromach, anns a’ chiad àite cuir brath gu:

John Storey, Ceannard Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

Post-d

Ceistean a bharrachd?

Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh tabhartasan barantais, cuir brath thugainn:

Fòn: 0141 337 6211

Post-d

Roinn Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

 

Chaidh seo ùrachadh air 25 Giblean 2017

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: