Cothroman do dh'Fhoillsichearan

Foillsichearan

Bidh Comhairle nan Leabhraichean a’ cumail taic ri foillsichearan a tha ag amas air litreachas Gàidhlig a chur an clò le bhith a’ roinn taic maoineachaidh tro thabhartasan barantais is thabhartasan foillseachaidh.  Chan e foillsichear a th’ ann an Comhairle nan Leabhraichean ach gheibhte comhairle agus stiùireadh bhuainn a thaobh an ath cheum airson leabhar fhaighinn ann an clò.

Bithear a’ gabhail ri iarrtasan ceithir tursan sa bhliadhna ionmhasail (Giblean-Màrt), agus thathar a’ dèiligeadh ri nan tagraidhean taobh a‑staigh raoin-ama ainmichte. Dh’fhaodadh gum biodh dàil air tagradh mura tèid a h-uile fiosrachaidh a tha air iarraidh a chur a-steach na chois.

Comataidh nan Tabhartas

’S e Comataidh nan Tabhartas a bhios a’ dèanamh co-dhùnadh a thaobh nan tagraidhean a gheibh taic agus an ìre de mhaoin a bhios air a shònrachadh. Tha buill na comataidh air an tarraing bho Bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson 2017-18 ’s iad buill Chomataidh nan Tabhartas Una NicDhòmhnaill, Ceitidh Mhoireach agus an Dr Sìm Innes.

Cinn-latha

An ath cheann-latha airson iarrtasan: 16 Ògmhios 2017

An ath choinneamh de Chomataidh nan Tabhartas: An Lùnastal 2017 (latha ri dhearbhadh)

Tuilleadh fiosrachaidh -Tabhartasan foillseachaidh

Tuilleadh fiosrachaidh - Tabhartasan barantais

 

Chaidh seo ùrachadh air 11 Cèitean 2017

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: