Fèis Leabhraichean an Eilein - Maoilios Caimbeul

Fèis Leabhraichean an Eilein - Maoilios Caimbeul

Maoilios Caimbeul agus Diarmuid Johnson – An Dà Anam / In Two Minds

CUR AIR BHOG LEABHAIR - Dihaoine 1 Sultain, 3.00f. Ionad Aros, Port Rìgh

Tiogaidean: £5 (rin ceannach air làrach-lìn na Fèise)

’S e coluadar a tha seo eadar dithis bhàrd, ann an Gàidhlig na h-Alba ’s na h-Èireann, aon dhiubh à Alba a tha a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den sgrìobhadh aige ann an Gàidhlig agus bàrd Èireannach / Cuimreach a tha sgrìobhadh ann an grunn chànanan Eòrpach, nam measg Gaeilge, Cuimris agus Beurla.

Tha eadar-theangachaidhean Beurla den Ghàidhlig ’s den Gaeilge, chan e bàrdachd as ùr sa Bheurla, air na duilleagan mu choinneamh na Gàidhlig / na Gaeilge. Dh’èirich an conaltradh à còmhraidhean a bh’ aig an dithis bhàrd nuair a thadhail Diarmuid air Alba grunn uairean. Thàinig tinneas as an rathad air a’ chonaltradh agus tha seo ri fhaicinn gu ìre ann am Pàirt III, an earrainn air a bheil Intermezzo.

Tha seann traidisean Èireannach / Albannach ann de bhàrdachd far a bheil conaltradh eadar caractaran mar anns a’ chòmhradh eadar Oisean agus an Naomh Pàdraig anns na balantan meadhan-aoiseach a tha a’ tighinn fo an ainm, agus tha Deòrsa Mac Iain Dheòrsa a’ togail air seo san dàn aige ‘Ùrnaigh Oisein às Ùr’. Cho fad ’s as fhios dhuinn, ’s e An Dà Anam / In Two Minds a’ chiad choluadar bàrdail eadar dithis bhàrd Èireannach is Albannach san latha an-diugh.

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: