Tachartasan Gàidhlig aig MayFest, Obar Dheathain, 28/05

Tachartasan Gàidhlig aig MayFest, Obar Dheathain, 28/05

MayFest 2017 - Didòmhnaich 28 Cèitean
Tiogaidean an-asgaidh, ach feumar clàradh an seo


Sandy NicDhòmhnaill Jones agus Seonag Monk ann an còmhradh le Mark Wringe..
1.30 - 3.00f - Seòmraichean Linklater, Oilthigh Obar Dheathain

’S e sgrìobhadair ùr agus inntinneach ann an saoghal na Gàidhlig a th’ ann an Sandaidh NicDhòmhnaill Jones. ’S ann a’ sìor àrdachadh a tha a cliù mar bhàrd agus i air duaisean bàrdachd a bhuannachadh, nam measg sin Duais Bàrdachd Bhaile na h-Ùige 2013, agus Duais Chol. Eoghain Uí Néill ann an 2014. Tha dachaigh aig Sandaidh ann an Uibhist agus tha dlùth cheangal aice ri Innse Gall. ’S e seinneadair, clàrsair agus òranaiche a th’ innte, aig a bheil mòr-urram do chruthan traidiseanta na bàrdachd, ach tha i a’ cheart cho comasach le saor-rannaidheachd. Chaidh a' chiad chruinneachadh den a' bhàrdachd aice, Crotal Ruadh, fhoillseachadh le Acair ann an 2016 agus nochd an leabhar air geàrr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2016.

’S ann à Beinn Na Faoghla a tha Seonag Monk. Tha i air a bhith a’ sgrìobhadh airson còrr is fichead bliadhna. Tha i an dèidh a bhith a’ sgrìobhadh airson stèidse, telebhisean, rèidio agus film, a bharrachd air grunnd sgeulachdan goirid is trì leabhraichean do chloinn. Tha Seonag cuideachd a’ sgrìobhadh colbh anns an iris litreachail STEALL agus chaidh a’ chiad nobhail shlàn aice, Mil san Tì, fhoillseachadh le Acair aig deireadh 2016. Nochd an leabhar air geàrr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2016.


STEALL 02
3.00 - 5.00f - Bùth-leabhraichean Blackwells, 99 High Street, Obar Dheathain

Thèid an dàrna eagran den iris STEALL a chur air bhog, còmhla ri Aonghas Dubh MacNeacail, Seonag Monk agus càch. Bithibh air thoiseach gus STEALL 02 fhaighinn; iris a chromas air fichead ùghdar, ùr agus stèidhichte.
Gheibhear gloinne fìon agus deagh cheòl aig a’ chuirm seo a tha ga chur air bhonn ann an co-obrachadh le CLÀR, foillsichear STEALL.





A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: